Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ris a’ chùis airson Sgoil Bonnington ann an Dùn Èideann
Tha Bòrd na Gàidhlig air iarraidh sgoil Ghàidhlig ainmichte a stèidheachadh ann am Bonnington ann an Dùn Èideann.
Tha dleastanasan sònraichte reachdail aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh adhartachadh na Gàidhlig agus comhairle a sholarachadh do Mhinistearan agus do bhuidhnean poblach mu chùisean co-cheangailte ri cànan, cultar agus foghlam Gàidhlig.
Na fhreagairt mhionaideach don Cho-chomhairle aig Comhairle Baile Dhùn Èideann a thaobh solar Gàidhlig sa bhaile, tha am Bòrd a’ cur taic ris a’ mholadh gus sgoil Ghàidhlig ainmichte a chruthachadh ann am Bonnington. Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard a’ Bhùird:’Tha sgoil Ghàidhlig fa-leth a’ dèanamh cinnteach gum bi clann air an oideachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig, a chuireas taic ri sgilean cànain, agus aig an aon àm a’ coileanadh a’ churraicealam gu lèir, le sàr thoraidhean foghlaim.’
Tha mòran bhuannachdan oideachail air an dearbhadh do sgoilearan ann an sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig agus tha rannsachadh o chionn ghoirid air rannsachadh nas tràithe a dhearbhadh, a’ nochdadh gu bheil ìrean coileanaidh ann am foghlam tron Ghàidhlig cho math ri foghlam tron Bheurla anns gach cuspair, agus nas fheàrr ann an cuid eile.
‘S e beachd a’ Bhùird gu bheil foghlam tron Ghàidhlig stèidhichte gu làidir ann an Dùn Èideann. Tha e air a bhith na fheart den fhoghlam, sa phrìomh bhaile airson còrr agus 20 bliadhna. Lean Mgr MacAoidh air adhart:’Tha e mar adhbhar cliù do Chomhairle Baile Dhùn Èideann, sgioba stiùiridh Bun-sgoil Chrois na Cìse, luchd-teagaisg, pàrantan agus sgoilearan, gu bheil an aonad Ghàidhlig air a mheas soirbheachail. Tha seo air misneachd phàrantan a thogail, a thuilleadh air iarrtas airson solar tron Ghàidhlig a bhrosnachadh, gus daingneachadh agus togail air an t-soirbheachadh sin. Chaidh a ràdh ri pàrantan gun deigheadh beachdachadh air sgoil ainmichte Ghàidhlig aon uair’s gum biodh an àireamh sgoilearan ann an Crois na Cìse seachad air 100. Tha sin o chionn còrr agus deich bliadhna agus tha na h-àireamhan a’ sìor fhàs. ‘S e an ath cheum a bu chòir a bhith cho nàdarrach’s a ghabhas ann an leasachadh foghlam tron Ghàidhlig ann am Baile Dhùn Èideann, aontachadh ri sgoil Ghàidhlig ainmichte a stèidheachadh ann am Bonnington.’