Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sianar oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig air bursaraidh Gàidhlig fhaighinn



Tha sianar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig air taic-airgid fhaighinn am bliadhna tron Sgeama Bursaraidh Gàidhlig a tha air a ruith le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Seo an fhicheadamh bliadhna den sgeama seo a tha a’ toirt taic-airgid do dh’ oileanaich ann an sgìrean na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha an sàs ann am foghlam tron Ghàidhlig aig ìre Cert HE, Dip HE no BA.

Tha mòran oileanaich air taic airgid fhaighinn bhon sgeama seo bhon thòisich e, agus anns na deich bliadhna a dh’ fhalbh tha 96 oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig air a bhith soirbheachail bursaraidh fhaighinn.  A-mach às a’ bhuidheann a fhuair am bliadhna e, thàinig ceathrar dhan cholaiste bhon Ghàidhealtachd fhèin agus dithis bhon taobh a-muigh.

Tha Ciorstan Howarth, à Inbhirnis, air an dàrna bliadhna aig SMO is i ag obair a dh’ ionnsaigh BA Cànan is Cultar na Gàidhlig agus ‘s i aon den fheadhainn a fhuair bursaraidh am bliadhna:  “Tha am bursaraidh cuideachail airson stuth is goireasan a cheannach a tha gam chuideachadh le mo chuid fhoghlaim. Tha e cuideachd feumail leis gu bheil a’ toirt beagan faochadh dhomh bho a bhith a’ gabhail uallach mu dheidhinn airgead, a tha gam chuideachadh a thaobh mo shlàinte-inntinn.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche air Comataidh na Gàidhlig agus Ball de Uàrd Eilean a’ Cheò agus Ratharsair:  “Tha e na fhìor thoileachas dhuinn a bhith cumail taic ri Sgeama Bursaraidh UHI leis gu bheil e a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich a tha ag ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig iarrtas a chur a-steach airson bursaraidhean beaga.  Tha e nas cudromaiche buileach am bliadhna leis mar a tha Covid-19 air ar cuingealachadh gu lèir, gu h-àraid beatha nan oileanach.  Bu mhath leam gach soirbheachas a ghuidhe air na h-oileanaich gu lèir leis an cuid fhoghlaim agus tha mi a’ coimhead air adhart rim faicinn air-loidhne a-rithist mas crìochnaich iad.”

Chuir Iar-Phrionnsapal is Stiùiriche an Fhoghlaim aig SMO, an Dr Marsaili NicLeòid, ris a seo is i ag ràdh:  “Tha Sabhal Mòr Ostaig fada an comain Chomhairle na Gàidhealtachd airson an taic leantainneach dhan sgeama seo. Tha Covid-19 air buaidh mhòr a thoirt air beatha nan oileanach san fharsaingeachd, agus mar thoradh air gainnead chothroman obrach pàirt-ùine. Nì na bursaraidhean diofar mhòr dhan sianar oileanach sa bhliadhna carraideach seo, is iad uile a’ dèanamh an cuid ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig is ag amas air dreuchdan ann am foghlam, na meadhanan no obair iomairt airson na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Tha an sgeama seo air a chur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus air a mhaoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar.  Tha e fosgailte do dh’ oileanaich a tha ag ionnsachadh agus a’ fuireach anns na sgìrean comhairle seo. 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578