
Calor Gas a’ toirt càr ùr do Shabhal Mòr Ostaig
Fhuair Sabhal Mòr Ostaig càr ùr le seachd suidheachain, Mazda CX-7, mar thiodhlac bho Chalor na h-Alba, companaidh aig a bheil dlùth cheangal ris a’ cholaiste. Tha an càr air a ruith air LPG agus cuidichidh sin a’ cholaiste le a h-amas gus sgaoilidhean gualan dà-ogsaid (CO2) a lùghdachadh 20% ro 2015, a tha mar phàirt dhen Phlana aca airson Gualan a Lùghdachadh. Seach gu bheil LPG 40% nas saoire na peatral, bidh e nas saoire an càr a ruith cuideachd.
Cha bhi carbadan LPG a’ sgaoileadh faisg uiread de ghasan millteach agus a bhios carbadan a chleachdas connaidhean traidiseanta. Mar sin tha e nas glaine is cha dèan e uiread de chron air an àrainneachd, agus bidh an càr ùr aig SMO air aon de 160,000 carbad eile san Rìoghachd Aonaichte a tha cleachdadh LPG.
Thuirt Alistair Todd, am Manaidsear Shoithichean-giùlain Sgìreil aig Calor na h-Alba: “Tha sinn gu sònraichte toilichte a bhith cumail oirnn ler taic dhan cholaiste a bhios a’ dèanamh uiread airson eaconamaidh an Eilein Sgitheanaich agus na Gàidhealtachd air fad. Tha ar gnìomhachas ann an Alba an urra ri soirbheachadh is fàs air a’ Ghàidhealtachd agus, mar sin, tha sinn a’ coimhead air an taic seo mar dhòigh eile anns am faod sinn ar luchd-ceannaich a chuideachadh.”
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche SMO airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “Tha sinne aig SMO an dà chuid air ar dòigh agus air leth taingeil airson a’ chàir ghoireasaich seo a thug Calor na h-Alba dhuinn a bhios glè fheumail do dh’oileanaich agus luchd-obrach. Tha sinn gu sònraichte riaraichte thoradh tha seo uair eile a’ neartachadh na dàimhe soirbheachail a tha air a bhith eadar sinn fhìn is Calor na h-Alba thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh, agus an dà bhuidhinn gu mòr airson gun tog sinn air seo sna bliadhnaichean a tha romhainn.”