Skip to content
SMO Generic Banner Image

Catrìona Lexy Chaimbeul air a h-ainmeachadh mar sgrìobhadair ùr na colaiste



Chaidh Catrìona Lexy Chaimbeul ainmeachadh mar an sgrìobhadair ùr air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig an t-seachdain seo. Buinidh Catrìona Lexy, 30 bliadhna a dh’ aois, do Nis ann an Leòdhas agus tha i air ainm a dhèanamh dhi fhèin an dà chuid mar sgrìobhadair agus actair.

Am measg nan leabhraichean a tha i air a sgrìobhadh tha na leabhraichean cloinne, Balach Beag a Mhàthar is Sgeulachdan Eagalach Feagalach agus na nobhailean airson inbhich Samhraidhean Dìomhair agus Cleasan a’ Bhaile Mhòir. Cuideachd, fhuair an dàn ‘Cinneas’ a sgrìobh i an duais Ghàidhlig aig Fèis Leabhraichean Wigtown ann an 2006. Tha i air a bhith ag obair an lùib dràma airson grunn bhliadhnaichean an dà chuid mar actair agus oide, agus an-uiridh bha i na Neach-ealain Gàidhlig aig Thèatar Nàiseanta na h-Alba, dreuchd a thàinig gu ceann sa Ghiblean. Agus ’s ann à teaghlach gu math ealanta a tha Catrìona Lexy, bha a h-athair Tormod a’ Bhocsair e fhèin na sgrìobhadair na colaiste agus a h-uncail Alasdair a’ Bhocsair. Agus tha a màthair Màiri Sìne Chaimbeul na seinneadair Gàidhlig agus na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt Catrìona Lexy:  “Mar sgrìobhadair, tha e an-còmhnaidh mìorbhaileach bhith faighinn taic gus d’ obair a leudachadh. Tha mi cho toilichte an cothrom fhaighinn bhith ag obair a-measg nan oileanach ’s an luchd-obrach sònraichte a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha mi an dòchas gum bi deagh bhliadhna againn còmhla.”

 Tha Catrìona Lexy an dùil a bhith ag obair air nobhail ùr agus air an sgrìobhadh dràma aice fhad ’s a tha i aig a’ cholaiste, agus tha i tòiseachadh ag obair còmhla ri cuid dhen luchd-ealain sa cholaiste mu thràth. Bidh i cuideachd ag obair leis na h-oileanaich gus an cuid sgrìobhaidh a bhrosnachadh.

Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO: “Tha dreuchd an sgrìobhadair air a bhith cudromach riamh dhan t-Sabhal Mhòr agus tha iomadach duine iomraiteach air a bhith againn thar nam bliadhnaichean, leithid Somhairle MacGill-Eain, Aonghas MacNeacail agus gu dearbh athair Catrìona Lexy fhèin, Tormod a’ Bhocsair. Tha Catrìona Lexy mu thràth air sealltainn gu bheil sgilean sgrìobhaidh air leth aice a thaobh rosg, bàrdachd agus dràma agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn nan toraidhean a thig bhon obair aice rè na bliadhna a bhios i còmhla rinn aig a’ cholaiste. Bidh e gu sònraichte inntinneach fhaicinn dè thig às a’ cho-obrachadh a bhios ann eadar i fhèin agus an luchd-ealain eile a tha aig a’ cholaiste.”

Tha dà leabhar ùr le Catìona Lexy gu bhith tighinn a-mach am-bliadhna (2013): Cluicheadaran, nobhail airson inbhich, agus An t-Ionnsachadh Bòidheach, nobhail airson deugairean. Tha i cuideachd ag obair a’ sgrìobhadh dealbhan-cluiche airson buidhnean leithid Thèatar Nàiseanta na h-Alba, Òran Mòr agus Rural Nations agus bha dealbh-chluich a sgrìobh i airson a’ BhBC stèidhte air an leabhar aice, Samhraidhean Dìomhair, air a chraoladh air an rèidio san Dùbhlachd 2012.

Mairidh dreuchd an sgrìobhadair bliadhna agus tha e mar phàirt de chompàirteachas eadar a’ cholaiste is Alba Chruthachail.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578