An Ceannard ùr a’ foillseachadh ro-innleachd ùr airson an dà bhliadhna air thoiseach
Thòisich Iain Caimbeul na dhreuchd mar Cheannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig an t-seachdain seo. Aig coinneamh den Bhòrd air 04/03/2015, dh’aontaich iad ris an ro-innleachd ùir a chuir Mgr Caimbeul fon comhair a stiùireas obair a’ Bhùird airson an dà bhliadhna air thoiseach agus an uair sin bidh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr air aontachadh.
Ceithir de na prìomh phuingean air an do bhruidhinn Mgr Caimbeul san taisbeanadh aige:
- Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig
Thèid measadh eadar-amail a dhèanamh air a’ Phlana a th’ ann an-dràsta, agus thar nam mhìosan a tha ri thighinn nì am Bòrd coluadair ri coimhearsnachd na Gàidhlig air feadh Alba mar ullachadh deasachaidh mus tèid an dreachd den Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2017-22 a dhealbh.
- Foghlam
Bithear a’ cur prìomhachas air a bhith toirt ro-innleachdan gu buil agus gan cur an gnìomh airson ìre nan tràth-bhliadhnaichean, na h-àrd-sgoile agus airson inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.
Bidh am Bòrd a’ dealbh Stiùireadh air Foghlam Gàidhlig airson aonta bho Mhinistearan agus airson a sgaoileadh am measg Ùghdarrasan Foghlaim is buidhnean buntainneach eile. Bidh an Stiùireadh feumail do phàrantan a tha am beachd iarrtas a chur a-steach airson Foghlam tron Ghàidhlig don chuid chloinne fo chumhachan Bile an Fhoghlaim (Alba) 2015, a bu chòir a bhith a’ dol na lagh ann an 2016.
- Coimhearsnachdan
Nì am Bòrd ath-sgrùdadh air na sgeamaichean a tha am Bòrd a’ ruith aig ìre coimhearsnachd agus cruthaichidh iad ro-innleachdan ùra a bheir prìomhachas do dhaoine òga a tha nas òige na 30 bliadhna a dh’aois, teaghlaichean le clann òga agus coimhearsnachdan far a bheil comasan Gàidhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh.
- Com-pàirteachasan Ro-innleachdail
Togaidh am Bòrd air na com-pàirteachasan a th’ againn mu thràth le buidhnean eile, leithid MG ALBA, HIE agus Alba Chruthachail, agus sinn a’ toirt phlanaichean com-pàirteach gu buil a bhios a’ dèanamh feum de neartan gach buidhne a tha ag obair ann an co-bhuinn. Bidh am Bòrd cuideachd a’ togail air an obair a tha sinn a’ dèanamh mu thràth an lùib Chom-pàirteachasan Planaidh Coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar agus ann an Roinn na Gàidhealtachd.
Thuirt am Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans is Cànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan: “Tha mi a’ guidhe gach soirbheas do dh’Iain san dreuchd chudromach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, far am bi e a’ togail air an dìleib a tha Iain Aonghas air fhàgail. Às leth Riaghaltas na h-Alba, tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris agus còmhla ris a’ Bhòrd agus sinn a’ sìor obair gus cor na Gàidhlig a chur am feabhas.”
Thuirt Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach: “Tha sinn ro thoilichte fàilte a chur air Iain mar Cheannard ùr Bhòrd na Gàidhlig, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh dha sna bliadhnaichean a tha air thoiseach air. Tha am Bòrd, a tha air a bhith ann grunn bhliadhnaichean a-nis, deiseil airson cumail oirnn a’ toirt taic don Ghàidhlig agus do mar a thig i am feabhas agus air adhart. Sheall Iain aig coinneamh a’ Bhùird seachdain sa chaidh (04/03/2015) ro-innleachd a fhuair aonta agus a stiùireas am Bòrd airson an dà bhliadhna a tha air thoiseach oirnn.”
Thuirt Mgr Caimbeul: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh a bhith tòiseachadh mar Cheannard Bhòrd na Gàidhlig. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith stiùireadh na buidhne, agus na dùbhlain a thig an cois sin, aig àm nuair a tha taic don Ghàidhlig a’ dol am meud, aig gach ìre, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith togail air na rudan a tha air soirbheachadh dhuinn thairis air na ceithir bliadhna a dh’fhalbh. Tha tòrr ri dhèanamh fhathast, ach le taic chunbhalach bho Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean a tha ag obair ann an com-pàirt leinn, bu chòir dhuinn a bhith gu math dòchasach mu na tha san dàn don Ghàidhlig.”
Tha Mgr Caimbeul a’ dol an àite Iain Aonghais MhicAoidh a tha leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh a’ mhìos, às dèidh dha a bhith na Cheannard air Bòrd na Gàidhlig airson ceithir bliadhna gu leth.