Bòrd na Gàidhlig a’ fastadh Ceannard Ùr
Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an naidheachd an-diugh gur i Seona NicIllInnein an Ceannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig, agus tòisichidh i san dreuchd air 6 Ògmhios 2016.
’S ann à Drochaid an Aonachain a tha a’ Bh-uas NicIllInnein bho thùs, agus tha i a’ tighinn chun a’ Bhùird le còrr is 20 bliadhna de dh’eòlas air leasachadh ghnothachasan air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. ’S e Gàidhlig ionnsachadh a rinn i agus chaidh i gu Oilthigh Dhùn Èideann, agus tha i an-dràsta ag obair mar Stiùiriche Leasachadh Buidhne is Gnothachais aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i air a bhith an sàs ann an grunn mòr iomairtean is leasachaidhean Gàidhlig, agus mar phàirt dhe sin tha i air obair do dhiofar bhuidhnean Gàidhlig. Tha eòlas domhainn aig a’ Bh-uas NicIllInnein air riaghladh agus planadh ro-innleachdail agus tha eòlas math aice air obair leasachaidh ann an coimhearsnachdan.
Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, agus e a’ cur fàilte air an naidheachd: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air Seona gu Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhi. Tha sinn fortanach gu bheil i a’ tighinn thugainn le pailteas eòlais air an Roinn Phoblaich, leithid eòlas air riaghladh, planadh ro-innleachdail agus leasachaidhean is leudachadh aig ìre na coimhearsnachd. Cuideachd, tha i air a bhith na stiùiriche neo-dhreuchdail aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta, Grampian TBh agus OGE Earranta. Tha Seona a’ tòiseachadh san dreuchd aig an aon àm agus a tha sinn a’ cur fàilte air Buill ùra air a’ Bhòrd agus nuair a tha sinn a’ gabhail nan ciad cheumannan gus an ath Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh, plana a stiùireas ar n-obair thar an ath chòig bliadhna, mar sin bidh na sgilean sònraichte a th’ aice air leth feumail.”
Thuirt a’ Bh-uas NicIllInnein: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith tòiseachadh san dreuchd ùir seo. ’S e àm gu math dòchasach agus inntinneach a tha seo do dhaoine a tha an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig, àm nuair a tha fàs nach beag ri fhaicinn ann am foghlam na Gàidhlig, agus nuair a tha buaidh na Gàidhlig san eaconamaidh agus ann am beatha dhaoine a’ sìor fhàs follaiseach. Bidh e mar phrìomhachas dhomh dèanamh cinnteach gun tèid fios mun sin a sgaoileadh air feadh na dùthcha.
“Tha àite fìor chudromach aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith toirt air adhart agus a’ neartachadh na Gàidhlig ann an Alba, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris a’ Bhòrd agus an luchd-obrach sna mìosan is bliadhnaichean ri thighinn.”
Chuir am Ministear airson Cànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan BPA, fàilte air an naidheachd: “Bu toigh leam fàilte a chur air Seona agus i gu bhith tòiseachadh mar Cheannard ùr Bhòrd na Gàidhlig. An-uiridh, airson a’ chiad uair riamh, chaidh barrachd bhoireannaich na fireannaich a chur an dreuchd mar Bhuill ùra air Bùird nam buidhnean poblach air a bheil riaghladh. Bha 54% de na Buill ùra nam boireannaich. Tha mi ro thoilichte gu bheil boireannach gu bhith na Ceannard air Bòrd na Gàidhlig airson a’ chiad uair.
“Tha a’ bhuidheann air a bhith ann an suidheachadh eadar-amail agus bheir Seona seasmhachd agus spionnadh don Bhòrd aig àm a tha gu bhith trang agus far am bi aig a’ bhuidhinn ri tòrr a choileanadh. Bidh obair ri dhèanamh a thaobh prìomh raointean ùghdarrais a’ Bhùird mar an Stiùireadh airson Foghlam Gàidhlig agus a’ toirt a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig ùir gu buil. Bu toigh leam an cothrom a ghabhail taing a thoirt do Bhrus Robasdan airson na h-obrach a tha e air a dhèanamh mar Cheannard Eadar-amail.”