Cèilidh a’ comharrachadh a’ chàirdeis eadar a’ choimhearsnachd agus a’ Cholaiste Thèid cèilidh agus dannsa a chumail Disathairne
Cèilidh a’ comharrachadh a’ chàirdeis eadar a’ choimhearsnachd agus a’ Cholaiste
Thèid cèilidh agus dannsa a chumail Disathairne (30 Samhain) ann an Talla Dhùisdeil far am bi muinntir Chamas Chros agus Dhùisdeil a’ comharrachadh a’ chàirdeis a tha air a bhith eadar muinntir Shlèite agus Sabhal Mòr Ostaig bho chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh o chionn 40 bliadhna.
Bidh luchd-ciùil is seinneadairean ionadail, agus luchd-ciùil bhon Cholaiste, a’ cluich agus a’ seinn aig a’ chèilidh, ‘40 Bliadhna a’ Fàs’, a thòisicheas aig 7.30f agus an uair sin bidh còmhlan de dh’oileanaich chiùil bho SMO a’ cluich aig an dannsa a thòisicheas aig 10f. ’S iad Iomairt Chamas Chros agus Dhùisdeil a tha cur air dòigh an tachartais, agus thèid an t-airgead a thogas iad bho thiogaidean air an oidhche a thoirt seachad don Iomairt agus do Chomann nan Oileanach aig SMO.
A’ bruidhinn air an oidhche, thuirt Cathraiche na h-Iomairt, Mark Wringe a tha cuideachd na òraidiche aig SMO: “’S ann an Eilean Iarmain a ‘rugadh’ Sabhal Mòr Ostaig, ann am mac-meanmna Iain Noble. Thairis air an 40 bliadhna bhon uairsin, tha a’ Cholaiste agus a’ Choimhearsnachd air a bhith a’ fàs agus ag atharrachadh ann an cuideachd a chèile. Fhuair na h-uiread à Camas Chros is à Dùisdeil cosnadh sa Cholaiste a thug dhaibh an cothrom teaghlach a thogail ann agus cànan dualchasach na sgìre a dhaingneachadh. Tha feadhainn eile às an àite a rinn cùrsaichean sa Cholaiste agus a lorg cosnadh air an stairseach fhèin mar thoradh air sin. Agus tha na h-oileanaich air a bhith a’ cruinneachadh sa Phràban airson craic is còmhradh còmhla ri muinntir an àite bhon chiad latha riamh. Air mo shon fhìn dheth, ’s e Fearann Eilean Iarmain a thug dhomh an cothrom tighinn a Shlèite an toiseach o chionn 30 bliadhna, agus ’s e Sabhal Mòr Ostaig a leig leam tilleadh agus mo bheòshlaint a dhèanamh ann an coimhearsnachd a tha dìreach air leth. Chan eil mi a’ faireachadh sgaradh sam bith an seo eadar coimhearsnachd is colaiste, no eadar ‘town and gown’ mar a tha buailteach tachairt an àiteachan eile. Tha Slèite agus a’ Cholaiste air a bhith a-mach ’s a-steach air dorsan a chèile airson 40 bliadhna. Ach ma tha àite sònraichte sam bith ann an Slèite far am biodh e iomchaidh pàrtaidh a chumail a chomharrachadh nam bannan sin, ’s e a’ choimhearsnachd againne ann an Eilean Iarmain, Camas Chros is Dùisdeil.”
Thuirt Rory Fyln bhon Iomairt: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith tighinn còmhla mar choimhearsnachd gus na ceanglaichean làidir a tha eadar a’ Cholaiste agus muinntir Chamas Chros agus Dhùisdeil a chomharrachadh. Bu chòir gum bi tòrr dhaoine ann, an dà chuid bhon choimhearsnachd agus bhon cholaiste, agus tha sinn an dòchas gum bi deagh oidhche againn le ceòl is dibhearsain am pailteas.”
’S iad na h-oileanaich chiùil bhon chùrsa, BA (le urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig SMO a bhios a’ cluich air an oidhche. Thuirt Stiùiriche a’ Chùrsa, Dr Decker Forrest: “Air feadh 2013, tha oileanaich bhon BA (le urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta air a bhith an sàs gu mòr sna tachartasan gus 40mh ceann-bliadhna na Colaiste a chomharrachadh, agus iad air a bhith air chuairtean agus a bhith cluich aig cèilidhean is consairtean. Tha e gu math iomchaidh gur e cèilidh is dannsa a tha gu bhith againn aig deireadh na bliadhna shònraichte seo, agus gu bheil sinn gu bhith ga comharrachadh leis a’ choimhearsnachd. Bidh luchd-ciùil is seinneadairean, sean is òg, ann bho Shlèite, agus an uair sin bidh oileanaich bhon chùrsa chiùil a’ cluich aig an dannsa, far an toir iad dhuinn grunn sheataichean a tha iad air a bhith ag obair air bho thòisich an teirm.”
Bidh bàr ann agus cosgaidh tiogaidean airson an Cèilidh no Dannsa £5, air neo £8 airson a dhol dhan dhà dhiubh. Pàighidh oileanaich £3/£5 agus sgoilearan àrd-sgoile £2. Tha e an asgaidh do chlann bun-sgoile.