Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sùim mhòr ga thogail do charthannais an Eilein aig Cèilidh Mhòr an t-Sabhail air-loidhne



Bha oidhche air leth soirbheachail aig Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine nuair a chùm iad an tachartas bhliadhnail – a’ Chèilidh Mhòr – air-loidhne airson a’ chiad turas le faisg air 7000 neach ga choimhead.

Gu h-àbhaisteach, tha a’ Chèilidh Mhòr a’ cur crìoch air a’ bhliadhna acadaimigeach agus a’ toirt cothrom dha oileanaich is luchd-obrach tighinn cruinn còmhla aig a’ Cholaiste airson ho-ro gheallaidh.  Ach leis nach b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh am bliadhna, chuir buill Chomann nan Oileanach SMO tachartas air-loidhne air dòigh tro Zoom agus as dèidh sin cèilidh air Facebook Live leis an ceòladair Iain Mac a’ Ghobhainn bhon chòmhlan ciùil Trail West.

Bhruidhinn Iar Phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Dr Marsaili NicLeòid, mun oidhche: ‘Bha e iongantach agus tlachdmhor a bhith a’ faicinn oileanaich a th’ air diofar chùrsaichean, pàirt-ùine is làn-ùine, agus luchd-obrach uile cruinn còmhla airson deireadh na bliadhna a chomharrachadh air Zoom. Ged a tha sinn uile aig an taigh, tha coimhearsnachd na Colaiste fhathast làidir is bha e fìor mhath àireamh cho mòr de dhaoine fhaicinn aig a’ chèilidh le Iain Mac a’ Ghobhainn air Facebook Live, le grunn seann oileanaich an t-Sabhail nam measg. Tha mi an dòchas gun do chòrd an oidhche ris a h-uile duine aig an taigh!’

Chualar ceòl air leth air an oidhche bho oileanaich Mhìcheal Steele agus Saffron Hanvidge, fhuairear masterclass ann an cocktails agus chaidh farpais cheist a chumail mu eachdraidh an t-Sabhail.  A bharrachd air a sin, airson a’ chiad uair chaidh Duaisean CnO a thoirt seachad a’ toirt aithne do dhaoine airson sàr obair-taic, obair-teagaisg is obair choimhearsnachd an t-Sabhail.

Chuir CnO romhpa airgead a thogail airson na carthannais Skye Community Response am-bliadhna agus, le taic bho Iain Mac a’ Ghobainn a bha ga phutadh air Facebook Live, chaidh còrr is £1100 a thogail gu ruige seo.  ’S ann air Dihaoine seo tighinn a’ bhios an rafail ga tharraing, le sin, tha ùine aig duine sam bith fhathast airson tabhartas a chur a-staigh is thèid ur n-ainm a chur air adhart airson duais.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578