
Ceòl an t-Sabhail Mhòir ga thaisbeanadh aig fèis Chatalanach ann am Mallorca
Bha seann oileanaich a cheumnaich on chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta ann an cuideachd Stiùiriche a’ Chùrsa, Dr. Decker Forrest, agus oileanaich is luchd-obrach Shabhal Mòr Ostaig airson cuirm-chiùil ann am Mallorca aig deireadh an Dàmhair. Chaidh a’ chuirm a chumail mar phàirt de ‘Festival de Mùsica de Bunyola’, an 33mh fèis de a seòrsa, anns am bi caochladh seòrsa ciùil às gach ceàrnaidh den Roinn Eòrpa.’S e Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, aig an robh ceangal leis an fhèis anns a’ chiad dol a-mach agus aig an robh càirdeas fad iomadh bliadhna ri stiùiriche na fèis, Tomeu Quetgles Pons, a tha na sgoilear agus na neach-iomairt airson ath-bheothachadh na Catalanais ann am Mallorca. Tha Boyd agus Tomeu air an t-uabhas a chur ri leasachadh trèanadh thidsearan ann am foghlam bun-sgoile is àrd-sgoile anns a’ Ghàidhlig is anns a’ Chatalanais agus’s ann tro an cuid obrach san roinn seo a chuir iad eòlas air càch a chèile. Tha Tomeu air a bhith a’ rannsachadh ath-bheothachadh mhion-chànanan fad a chùrsa-obrach agus tha e air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig iomadh turas.
Thuirt Dr Quetgles, “Is toigh leam mar neach-eagrachaidh Festival de Música de Bunyola a bhith a’ taisbeanadh ciùil a bhuineas do linntean diofraichte agus àiteachan diofraichte. Ma bhuineas tu do mhion-chultar, chan eil sin a’ ciallachadh gum feum thu a bhith nad aonar. Tha an t-uabhas a tha co-ionnan air feadh na Roinn Eòrpa an lùib nam pròiseasan a tha air mion-chultaran a chruthachadh. Thèid againn air ionnsachadh bho chàch a chèile agus’s urrainn dhuinn taic a thoirt do chàch a chèile gus am bruidhinn sinn gu h-aona-ghuthach. Nuair a bhios sinn a’ coinneachadh ri daoine aig a bheil cànan eile, bidh sinn a’ dèanamh feum de mhòr-chànan a tha cumanta eadarainn gus am bi conaltradh ann; ach chan eil feum aig ceòl no dannsa air cànan cumanta.”
Bha cothrom an lùib na cuirme airson ceòl, òrain is dannsa nan Gàidheal a thaisbeanadh ann am Mallorca agus Sabhal Mòr Ostaig a riochdachadh mar bhuidheann chultarail a tha a’ brosnachadh na Gàidhlig. Am measg an luchd-ciùil a bha a’ cluich cuide ri Dr. Decker Forrest (a’ phìob/an fhìdeag/an tromb), bha Ellen NicDhòmhnaill (òrain) às Inbhir Nis, Murchadh Eòghainn Camshron (giotàr/mandola) à Gleann Eilg, Anna Raonaid NicDhòmhnaill (òrain/a’ chlàrsach) à Tiriodh agus Sophie NicSteaphain (dannsa-ceuma) à Cill Chuimein.
Thuirt Dr Decker Forrest, “Bha sinn airson sealladh farsaing de chuid de na prìomh ionnstramaidean is ruitheaman ann an ceòl na Gàidhlig a thaisbeanadh agus blasad de dh’òrain na Gàidhlig. Bha an luchd-èisteachd uabhasach brosnachail agus chòrd e ri na bha an làthair. Rinn sinn trì encores mus robh againn ri ràdh gu modhail gur mithich dhuinn a bhith a’ stad!”
Thuirt Sophie NicSteaphain, “Thug sinn an aire nuair a ràinig sinn Mallorca dè choltach ri bratach Chatalòinia’s a bha a’ bhratach aca fhèin. Feumaidh mi ràdh, nach robh fhios agam, agus’s dòcha nach eil fhios aig mòran, gur i Mallorquí (dualchainnt de Chatalanais) am prìomh chànan a th’ aig a’ mhòr-chuid a bhuineas don eilean. Bha e uabhasach inntinneach anns na làithean an dèidh sin a bhith ag ionnsachadh le Tomeu Quetgles Pons mu na tha daoine ris anns na h-Eileanan Balear airson an cànan a bhrosnachadh is ath-bheothachadh. Tha Tomeu na òraidiche aig an oilthigh ann am Palma agus, aig àm Franco, nuair a chuir e am moladh air adhart gun robh e airson cùrsa a theagasg tron Chatalanais, chaidh a ràdh ris gun robh sin mì-laghail. Chaidh e fhèin air adhart leis a’ chùrsa co-dhiù. Tha sgoiltean tro mheadhan na Catalanais rim faighinn air feadh an eilein agus tha ceuman oilthighe gan teagasg tron chànan a-nis. Tha Tomeu air a bhith a’ neartachadh cheanglaichean fad 30 bliadhna le coimhearsnachdan mhion-chànanan eile agus’s ann mar thoradh air a shealladh eadar-nàiseanta a chaidh cuireadh a thoirt don bhuidhinn aig Sabhal Mòr Ostaig a dhol a-null agus cuirm a dhèanamh an lùib na fèis ann am Bunyola. Tha mi an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh air iomairtean eadar an t-Eilean Sgitheanach is Mallorca – tha an t-uabhas ri ionnsachadh bho chàch a chèile gu dearbh.”
Chuir Dr Decker Forrest ris a’ bheachd sin, “A chionn’s gu bheil mi fhèin an sàs ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig – mar oileanach, mar thidsear, mar neach-rannsachaidh, mar phàrant, mar neach-ealain no ann an iomadh dòigh eile – tha e furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil ath-bheothachadh mhion-chànanan a’ dol air feadh an t-saoghail. Tha e cudromach gun neartaich agus gun glèidh sinn an càirdeas seo eadar na daoine is na h-ionadan airson taic is ionnsachadh a bhrosnachadh nar cuid iomairtean. Tha ceòl fìor chudromach mar dhòigh air ceanglaichean a dhèanamh le daoine eile, air an tèid dàimh nas treasa, tuigse nas fheàrr agus taic a stèidheachadh.”