
Ceòladair Ùr air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, air Ceòladair ùr air Muinntireas fhastadh a choisinn an tiotal “Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna” ann an 2008. Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhas, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha i a’ fàs suas. Bha i dèidheil air seinn bho bha i glè òg agus choisinn i am Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1993 ann an Àrd Ruighe. Bhon uair sin, tha a cliù mar sheinneadair air sìor dhol am meud.
Thug Maighread iomadh bliadhna a’ fuireach thall thairis, ann a’ Bhenesuèla, an Canada, an Àisia an Ear agus san Ear Mheadhanach, ach an-diugh tha i a’ fuireach, airson pàirt den bhliadhna, ann an Inbhir Narann. Tha i air a’ bhith seinn aig na fèisean as ainmeile air feadh Bhreatainn agus Èirinn, eadar Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall. Tha seinn cuideachd air a toirt gu àrd-ùrlair ann an dùthchannan leithid Canada, Singapore, Lebanon, a’ Ghearmailt’s an Fhraing.
Tha fèill air Maighread cuideachd mar neach-teagaisg seinn agus’s iomadh seinneadair sean is òg a tha air buannachd fhaighinn às na clasaichean aice aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie
Clancy an Èirinn agus Sabhal Mòr Ostaig. Tha i cuideachd, bho àm gu àm, air a’ bhith a’ teagasg an Sgoil Chiùil a’ Phluic agus anns an Royal Conservatoire. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl agus òrain a chuir gu feum anns a’ phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i a’ measg na h-eòlaichean a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th’ ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tha i air nochdadh air iomadh program telebhisean agus rèidio. Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a’ toirt gu aire luchd-èisteachd òrain nach cluinnear ach ainneamh, agus rinn i sin ann am prògraman leithid Na h-Eilthirich agus Am Pòsadh Hiortach. Cluinnear cuideachd a’ guth a’ gabhail òrain Sheumasach ann an Ionad Chùil Lodair.
Tha Maighread cuideachd air mòran a dhèanamh an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i còmhla ris a’ phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).
Tha Maighread air leth toilichte a’ bhith air obair Ceòladair na Colaiste fhaighinn, agus tha i deònach is toilichte cuideachadh sam bith a’ thoirt do dh’oileanaich agus luchd-obrach na Colaiste le caochladh cuspairean cò-cheangailte ri cànan agus òrain. Bidh i a’ rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstrì fhad’s a bhios i seo.
Tha an dreuchd seo , còmhla ris an Neach-ealain Lèirsinneach, Dràma agus Sgrìobhadair air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, air a mhaoineachadh le Alba Cruthachail.