Ceud Mìle Fàilte air a h-uile Ball Pàrlamaid
Air feadh na seachdain a’ tòiseachadh air 13 Cèitean bithear a’ cur ‘Ceud Mìle Fàilte’ air Buill Pàrlamaid na h-Alba.
Bithear a’ toirt cuireadh don a h-uile Ball Pàrlamaid tighinn a dh’fhaicinn taisbeanadh a bhios ga chumail sa Phàrlamaid agus coinneachadh ri riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig agus MG ALBA gus cluinntinn mu dheidhinn an adhartais a tha air a bhith ga dhèanamh a thaobh a’ chànain. Chaidh an dà bhuidhinn seo a stèidheachadh le Achdan Pàrlamaid airson cur ri oidhirpean gus an cànan ath-bheothachadh.
Thathar a’ cumail an taisbeanaidh gus taingealachd a nochdadh do luchd na Pàrlamaid airson na taice a tha gach pàrtaidh air a thoirt don Ghàidhlig bho chaidh fèin-riaghladh a stèidheachadh. Bithear cuideachd a’ sealltainn mar a tha foghlam tron Ghàidhlig air a dhol am meud ann an caochladh cheàrnaidhean de dh’Alba agus mar a tha BBC ALBA air soirbheachadh le bhith tarraing barrachd is barrachd luchd-amhairc a tha cur sùim nach beag san t-sianal.
Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga teagasg mar chuspair ann an sgoiltean na h-Alba fad iomadach bliadhna, ach chan eil e cho fada bho thòisicheadh ga cleachdadh mar mheadhan ionnsachaidh is teagaisg. Barrachd is barrachd thathar ag aithneachadh nam buannachdan a thaobh tuigse, foghlaim is cultair a gheibhear bho dà-chànanas is ioma-chànanas, agus gur e foghlam tron Ghàidhlig aon de na dòighean na buannachdan sin a ghleidheadh. Tha sgoilearan, a tha a’ dèanamh foghlam tron Ghàidhlig, a-nis ann an sgìrean gach Ùghdarras Ionadail ann an Alba, ach a-mhàin ceithir, agus tha an àireamh sgoilearan air a dhol an àirde bho fichead ann an 1985 gu còrr is 3,500 ann an 2013.
Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Dhearbh figearan bho Chunntas-sluaigh 2001 gun robh am poileasaidh gus taic a thoirt do dh’fhoghlam tron Ghàidhlig a’ cuideachadh le bhith cur maill air cho luath agus a bha an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ crìonadh, mar a sheall fianais sa chunntas-sluaigh ron sin. Bhon uair sin chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) le dleastanas gus Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh a bheir stiùireadh do bhuidhnean is daoine fa leth ann an Alba a thaobh nam prìomhachasan a th’ ann ann a bhith toirt taic don Ghàidhlig. Tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig as ùire a’ cur cudrom mòr air mar a bhios foghlam tron Ghàidhlig – cho math ri bhith cleachdadh Gàidhlig san dachaigh agus sa choimhearsnachd – a’ cur ri meudachadh san àireimh de dhaoine òga le Gàidhlig sna bliadhnaichean ri thighinn feuch gun seas a’ Ghàidhlig mar chànan brìoghmhor is buan.”
Chur Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, ris a sin: “Bidh na meadhanan Gàidhlig a’ dèanamh obair chudromach agus iad a’ toirt cothrom do dhaoine air a’ Ghàidhlig agus a cultar, agus tha sin a’ togail ìomhaigh a’ chànain. Chaidh leudachadh air a’ bhuaidh seo gu mòr bho chaidh an sianal telebhisein Gàidhlig, BBC ALBA, a stèidheachadh ann an 2008, agus cha tug e fada dhuinn luchd-amhairc a tharraing a tha dìleas agus a’ cur luach air an t-seirbheis chan ann a-mhàin bho measg luchd na Gàidhlig ach bho air feadh Alba. Tha goireasan eile ann a bhios iad an sàs ann mar LearnGaelic.net, làrach-lìn far am faigh daoine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig a h-uile rud a tha dhìth orra.”
Tha an àireamh de luchd-amhairc agus an t-iarrtas a th’ ann airson Gàidhlig ionnsachadh a’ dearbhadh mar a tha ùidh sa Ghàidhlig agus tha fianais ann cuideachd gu bheil a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gun glèidh Alba a dualchas Gàidhlig. Mar fhianais air a’ bheachd sin thuirt 81% de dhaoine ann an suirbhidh, a dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an-uiridh, gun robh Gàidhlig cudromach do dh’ìomhaigh is cultar na h-Alba san latha an-diugh. Cha bu chòir seo a bhith na iongnadh ann an dùthaich a chaidh ainmeachadh às dèidh nan Gàidheal (a thuinich ann an Alba tràth ann an eachdraidh na dùthcha) air an tug na Ròmanaich na Scotti mar ainm. Tha fianais – a chaidh a thrusadh o chionn ghoirid sa mhodal Ghàidhlig den t-Suirbhidh air Beachdan Sòisealta na h-Alba 2012 agus mun tèid fiosrachadh fhoillseachadh an ath sheachdain leis an lìonra rannsachaidh Soillse – a’ dearbhadh gu bheil beachd math aig daoine air foghlam tron Ghàidhlig agus BBC ALBA agus a’ bhuaidh a th’ aig an t-sianal air cùisean.
Ri linn an adhartais agus deagh rùn seo, tha Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA den bheachd gum biodh e iomchaidh feadhainn de na toraidhean a shealltainn a tha sinn air fhaicinn air sgàth nam beachdan is poileasaidhean taiceil a chaidh a chur air adhart sa Phàrlamaid, agus iad sin a’ togail air an taic a tha am mòr-shluagh air a thoirt don chànan. Nì an taisbeanadh, a thèid a chumail air an t-seachdain a’ tòiseachadh air 13 Cèitean, sin agus thèid an dàrna Plana Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh aig an aon àm.
Tha riochdairean Bhòrd na Gàidhlig agus MG ALBA a’ coimhead air adhart ri bhith toirt Ceud Mìle Taing don a h-uile Ball Pàrlamaid air feadh na seachdain, airson an taic leantainneach a tha iad a’ toirt dhuinn agus sinn a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gun seas a’ Ghàidhlig ann an Alba.