Ceum Urramach air a bhuileachadh air Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE
Chaidh an Ceum Urramach, Ollamh Foghlaim, a bhuileachadh air a’ Phroifeasair Boyd Robasdan le Oilthigh Dhùn Èideann aig cuirm ceumnachaidh air Dihaoine 4 Iuchar.
Tha am Proifeasair Robasdan air a bhith na Phrionnsapal air Sabhal Mòr Ostaig bho 2009, agus tha an t-eòlas farsaing aige air saoghal na Gàidhlig agus a lèirsinn a thaobh na cànain air a bhith bunaiteach ann a bhith leudachadh obair leasachaidh na Colaiste.
Chuir Laureator na duais, am Proifeasair Rob Dunbar, fàilte chridheil air a’ Phroif. Robasdan, ag ràdh, “Tha e na adhbhar moite dhomh fhìn agus do gach Gàidheal gun tèid an t-urram seo a bhuileachadh air duine a rinn uiread airson foghlam Gàidhlig, airson na cànain fhèin, agus airson luchd na Gàidhlig.”
Thogadh am Proifeasair Robasdan an Uibhist a Tuath, thug e ceum a-mach ann Ceiltis bho Oilthigh Obar Dheathain agus bha e a’ teagasg Gàidhlig airson iomadach bliadhna aig Àrd-sgoil an Òbain. Às a sin, ghluais e gu Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain far an robh e an toiseach na òraidiche Gàidhlig agus mu dheireadh na Leughadair agus os cionn Foghlam Cànain aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
Tha am Proif. Robasdan air mòran a dhèanamh gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh agus a’ leasachadh an Alba, chan ann a-mhàin ann a bhith trèanadh thidsearan Gàidhlig ach cuideachd tro obair rannsachaidh, agus tha tuigse aige mu cho fìor chudromach sa tha luchd-ionnsachaidh don Ghàidhlig, is e na cho-chruinniche air an fhaclair asmiadhaile agus as fhasa a chleachdadh a th’ ann.
Thuirt am Proifeasair Robasdan, “‘S e urram mòr a tha seo dhòmhsa agus do Shabhal Mòr Ostaig, an t-ionad iongantach sin a tha mi fortanach a bhith a’ stiùireadh. ‘S e onair air leth a th’ ann dhòmhsa an ceum urramach seo fhaighinn bhon oilthigh san deach a’ chiad Chathair Cheilteach ann an Alba a stèidheachadh. Tha e cuideachd na thoileachas a bhith a’ faighinn na ceuma seo bho Oilthigh Dhùn Èideann seach gu bheil Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ co-obrachadh gu dlùth leis an Oilthigh sa phròiseact, Tobar an Dualchais.”
Tha am Proif. Robasdan air a bhith an sàs ann an diofar thaobhannan de leasachadh na Gàidhlig, gu sònraichte ann am buidhnean Gàidhlig agus an obair a rinn e air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tro na bliadhnaichean, tha e cuideachd air cur gu mòr ri iomairtean Gàidhlig agus na meadhanan Gàidhlig. Tha spèis mhòr aig daoine dha mar Ghàidheal agus tha e na thosgaire air leth don chànan is don chultar.