Skip to content
SMO Generic Banner Image

A’ comharrachadh sàr ìrean rannsachaidh is acadaimigeach aig Ceumnachd an t-Sabhail



Cheumnaich 52 oileanach aig Ceumnachd Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine (2 Dàmhair) air oidhche far an robhar a’ comharrachadh ìrean acadaimigeach fìor àrda agus far an deach an t-urram Sàr Ghàidheal a thoirt air dithis bhall den chòmhlan ainmeil Runrig.

Le Ceumnachd na seachdain sa chaidh, tha 932 oileanach uile-gu-lèir a-nis air ceumnachadh bhon t-Sabhal Mhòr bho chaidh a’ Cholaiste a chur air bhonn. Cuideachd, tha an àireamh de dh’oileanaich a tha clàraichte airson cùrsaichean foghlam àrd-ìre air a dhol suas a-rithist, agus 237 clàraichte sa bhliadhna acadaimigeach 2014-15, an àireamh as motha a bh’ ann riamh.

Thuirt Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “B’ e fìor adhbhar toileachais a bh’ ann gun robh a-rithist còrr ’s leth-cheud oileanach a’ ceumnachadh air a’ bhliadhna seo, le luchd-ceumnachaidh ann bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, bho air feadh Alba, bho Shasainn, bhon Ghearmailt, an Fhraing, Na Stàitean Aonaichte agus Astràilia. Tha seo a’ dearbhadh buaidh agus ruigsinneachd na Colaiste mar ionad foghlaim a tha ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”  

Air oidhche far an deach iomadh urram is teisteanas a thoirt seachad, chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air a’ Cholaiste fhèin agus slat-shuaicheantais Oilthigh na Gàidhealtachd nan Eilean am follais aig Ceumnachd an t-Sabhail Mhòir airson a’ chiad uair.

Thuirt Prionnsapal na Colaiste, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Bha Ceumnachd na bliadhna-sa sònraichte ann an diofar dhòighean. Mar eisimpleir, am measg nan oileanach a bha a’ ceumnachadh, bha dithis a bha nan oileanaich air cùrsaichean a tha air an tathann le colaistean eile ann an lìonradh OGE, Arcaibh is Peairt.  Cuideachd b’ e seo a’ Cheumnachd mu dheireadh aig Ruaraidh Iain MacLèoid, Morair Mhinginis, mar Chathraiche an t-Sabhail. Tha Ruaraidh Iain air a bhith na Chathraiche fad ochd bliadhna agus tha e air obair thar tomhais a dhèanamh às leth na Colaiste anns an ùine sin. Bithear a’ comharrachadh a sheirbheis ann an dòigh iomchaidh nas fhaide dhen bhliadhna ach bha e freagarrach dhà-rìribh gun robh e aig a’ Cheumnachd seo a’ buileachadh duais nan Sàr Ghàidheal air na bràithrean, Ruaraidh is Calum Dòmhnallach, dithis air an robh e cho eòlach bho òige ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus a rinn na h-uimhir gus ceòl na Gàidhlig a thoirt gu aire an t-saoghail agus a chuir òrain Ghàidhlig air bilean an t-sluaigh tron chòmhlan Runrig.”

Am measg nan clachan-mìle eile a chaidh a chomharrachadh aig a’ chuirm bha mar a chaidh aithne nàiseanta a thoirt do shaothair luchd-rannsachaidh na Colaiste. Chaidh gu fìor mhath le Sabhal Mòr Ostaig agus OGE ann an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh orra mar phàirt den Fhrèam airson Sàr-mhathas ann an Rannsachadh (REF). A thaobh cuspairean co-cheangailte ri Gàidhlig, chaidh foillsichidhean agus obair rannsachaidh ochdnar neach-acadaimigeach fo ainm OGE (seachdnar bho SMO) air adhart dhan REF. Chaidh 61% den rannsachadh a mheas aig na h-ìrean as àirde agus bha an àrainneachd rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig air a mheas aig fìor àrd-ìre cuideachd.

Bha buaidh eadar-nàiseanta na Colaiste follaiseach a-rithist am-bliadhna agus fear à Valencia san Spàinn a’ togail na duaise, Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig. Thog Marcel Gurillo, aig a bheil Catalanais, ùidh ann an Gàidhlig o chionn trì bliadhna air sàillibh na h-ùidhe a bh’ aige ann an ceòl na pìoba. Thòisich e ag ionnsachadh Gàidhlig air a cheann fhèin mus tàinig e don t-Sabhal Mhòr. Tha Marcel air crìoch a chur air a’ Chùrsa Chomais agus tha e a-nis a’ dèanamh Ceum ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig. Chaidh Marcel a mholadh airson na duaise air sàillibh nan sàr chomharran a fhuair e na obair agus nan oidhirpean a rinn e taobh a-muigh an t-seòmair-teagaisg gus an cànan a bhrosnachadh agus a bhruidhinn.

Thuirt Marcel: “Tha seo iongantach agus tha mi gam mheas fhèin air leth fortanach. Tha e doirbh dhomh creidsinn gun d’ fhuair mi duais cho prìseil, an dèidh bliadhna a bha dìreach tlachdmhor dha-rìribh agus làn spòrs. Tha mi uabhasach fhèin taingeil do mhuinntir an t-Sabhail Mhòir, gu h-àraid don luchd-oideachaidh sgoinneil a bh’ agam air a’ Chùrsa Chomais, is do na daoine coibhneil, ceanalta a bha ri mo thaobh ga mo bhrosnachadh. A-nis, tha mi an dòchas gum bi na bliadhnaichean a tha romham a cheart cho soirbheachail.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578