Càrn mòr ga thogail aig Ceumnachd an t-Sabhail Mhòir
Chaidh oidhche mhòr a chumail ann an Slèite air Dihaoine 5 Dàmhair a’ comharrachadh Ceumnachd Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.
Cheumnaich 64 oileanaich agus iad a’ toirt teisteanas a-mach aig diofar ìrean, eadar teisteanas àrd-ìre, dioplòma, ceum, ceum le urram, for-cheum agus PhD. Am-bliadhna, thathar a’ comharrachadh àireamh mhòr de dh’oileanaich a fhuair ceum le urram, agus gu sònraichte gu bheil an àireamh as motha riamh, bho chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh, a’ ceumnachadh le ceum le urram aig a’ chiad ìre.
Thug Aonghas MacLeòid, Cathraiche Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, seachad a’ chiad aithris is e ag ràdh: “45 bliadhna air ais, chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh gus cothroman ùra a thoirt dhan Ghàidhlig. B’ e ar feallsanachd cànan is cultar nan Gàidheal a dhìon, a chur gu feum gu reachdmhor, a bhrosnachadh agus a leasachadh. ‘S e sin fhathast ar prìomh amas, gach latha agus gach bliadhna.”
‘S e cuirm na bliadhna seo a’ chiad Cheumnachd le Prionnsapal agus Iar-phrionnsapal ùr aig an stiùir, agus an Dr. Gillian Rothach is an Dr. Marsaili NicLeòid air tòiseachadh sna dreuchdan sin bho chionn ghoirid.
Thuirt Iar-phrionnsapal agus Stiùiriche Foghlaim SMO, Marsaili NicLeòid: “’S e fìor adhbhar toileachais a th’ ann gu bheil còrr is trì fichead a’ ceumnachadh le teisteanas no ceum am-bliadhna agus an àireamh as motha riamh a’ ceumnachadh le ceum le urram aig a’ chiad ìre. Tha sinn moiteil dha-rìribh às an luchd-ceumnachaidh ùra agus iad a’ cur ri còrr is mìle oileanach a tha air ceumnachadh bhon a’ Cholaiste anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, agus an cuid chomasan rim faicinn air feadh an t-saoghail.”
Tha prògram ceuma na Colaiste a’ gabhail a-steach diofar chuspairean leithid foghlam, nam meadhanan, leasachadh, ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig. Tha na cuspairean seo uile gan teagasg tron Ghàidhlig agus gan dearbhadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an Dr. Gillian Rothach: “Tha sinn uabhasach moiteil às a h-uile oileanach a tha a’ ceumnachadh aig Sabhal Mòr Ostaig an-diugh. Anns an eilean seo, far nach robh, aig aon àm, fiù’s foghlam bun-sgoile ri fhaighinn tron Ghàidhlig, bidh sinne aig an t-Sabhal Mhòr a’ tairgsinn sreath slàn de theisteanasan treas-ìre, eadar preantasachdan, HNC, HND, BA, BA le Urram, Leasachadh Proifeiseanta, Maighstireachd agus PhD. Tha a h-uile cùrsa sin ga lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus bidh sinn ag ullachadh sàr luchd-obrach fileanta airson saoghal na h-obrach – chithear sin anns na teisteanasan is duaisean a choisinn an luchd-ceumnachaidh an-diugh.
Tha e na adhbhar toileachais dhuinn cuideachd gu bheil oileanaich a’ ceumnachadh aig aoisean agus à ceàrnaidhean is suidheachaidhean eadar-dhealaichte a tha mar thoradh air na cùrsaichean againn aig Sabhal Mòr Ostaig a tha fosgailte don a h-uile duine. Tha sinn cuideachd a’ comharrachadh ceumnachadh nan oileanach a chaidh a theagasg an com-pàirteachas le Oilthigh Obar Dheathain; tha an com-pàirteachas seo air a bhith glè shoirbheachail is sinn a’ trèanadh thidsearan ùra airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha fadachd oirnn a bhith a’ leantainn ceumnachadh an luchd-teagaisg seo san àm ri teachd le ceumnachadh bhon chùrsa ùr againn fhèin tro mheadhan na Gàidhlig a tha stèidhichte aig an t-Sabhal Mhòr, Gàidhlig agus Foghlam, a tha a’ trèanadh oileanaich airson teagasg bun-sgoile is àrd-sgoile. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachaidh leis an luchd-ceumnachaidh againn agus an dòchas nach bi iad nan strainnsearan is gun till iad a chèilidh oirnn a-rithist!”
A thuilleadh air na teisteanasan acadaimigeach a chaidh a thoirt seachad, chaidh urram Sàr-Ghàidheil na bliadhna a bhuileachadh air dithis a tha air saothair mhòr a dhèanamh a thaobh dualchas, cultar agus cor na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean.’S iad sin Mairead NicLeòid, à Ceann Phàdraig agus Iain MacPhàrlain, à Muile.
Lean an Dr Rothach oirre is i ag ràdh: “’S e urram mòr a bh’ ann a bhith a’ comharrachadh obair air leth do chànan is cultar nan Gàidheal le dithis Ghàidheal iomraiteach – dithis a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig tro an cuid saothrach agus misneachd – Mairead NicLeòid, à Ceann Phàdraig agus a thogadh an sin leis a’ Ghàidhlig ga bruidhinn san dachaigh; agus Brigadier Iain MacPhàrlain, à Muile.
Cuideachd, chaidh Duais Cuimhneachaidh Niamh NicEanraig a thoirt seachad, mar chuimhneachan air an oileanach, à Malaig, a dh’ eug gu h-aithghearr an-uiridh. Bha Niamh air a’ chiad bliadhna aig a’ Cholaiste, à’ dèanamh Cùrsa Gàidhlig is Conaltradh.
Chaidh Òraid na Ceumnachd a thoirt seachad le Flòraidh Guidi, Ceannard Bhun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, agus chuir i briathran misneachail dha-rìribh an cèill dhan luchd-ceumnachaidh a bha an làthair. “’S i abairt na sgoile, ‘Nì clachan beaga tric càrn mòr uaireigin’. Dhuibhse a tha a’ ceumnachadh an-diugh, tha sibh ri ur moladh airson na h-obrach mòire a rinn sibh air an t-slighe chun an càrn agaibh fhèin a thogail. Bu toil leam gun smaoinich sibh mu na gnothaichean a chuireadh sibh air càrn ur beatha, agus cuideachd gum beachdaich sibh air na h-amasan a th’ agaibh anns an àm ri teachd.
“Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ faighinn àite sònraichte air a’ chàrn. Tha muinntir na Colaiste air a bhith cho taiceil dhomh thairis air na bliadhnaichean, agus bu toil leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt dhuibhse a bha is a tha ag obair innte, oir às aonais na h-obrach a chaidh a dhèanamh an seo, cha bhiodh an t-ath-bheothachadh a tha air tighinn air a’ chànan air tachairt.”