
Ceumnachd na Colaiste na clach-mhìle eile ann an eachdraidh iomraiteach Sabhal Mòr Ostaig
Cheumnaich an àireamh as motha riamh de dh’oileanaich bho Sabhal Mòr Ostaig aig cuirm shònraichte a chaidh a chumail Dihaoine (4 Dàmhair) sa chaidh far an deach iomadh urram a bhuileachadh air Gàidheil, sean is òg.
Thug 52 neach a-mach teisteanas aig diofar ìrean agus na cùrsaichean uile air an lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, agus tha a-nis còrr is 800 duine air ceumnachadh bhon t-Sabhal Mhòr bho thòisich a’ Cholaiste a’ toirt seachad foghlam àrd-ìre. Am measg nan clachan-mìle eile a chaidh a chomharrachadh air an oidhche, bha mar a thugadh seachad a’ chiad teisteanas CPD leis a’ Cholaiste ann an Leasachadh Cànain, agus mar a chaidh a’ chiad Cheum BA (le urram) a chosnadh air astar, agus mar a chuir a’ chiad oileanach crìoch air PhD tron phròiseact rannsachaidh, Soillse. An-dràsta aig a’ Cholaiste, tha 228 oileanaich a’ dèanamh cùrsa Foghlam Àrd-ìre agus thar na bliadhna seo bha mu 900 neach air an clàradh airson cùrsa goirid.
Thuirt Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “’S e adhbhar toileachais a th’ ann dhuinn gu bheil an àireamh as motha riamh a’ ceumnachadh agus gu bheil oileanaich ann bho cheàrnaidhean eadar-dhealaichte de dh’Alba agus nas fhaide air falbh. Bhon chiad cheumnachd ann an 1985, tha barrachd is 800 luchd-ceumnachaidh air a bhith againn agus chan eil teagamh ann nach eil buaidh mhòr air a bhith aca ann an raointean eadar-dhealaichte, eadar dreuchdan Gàidhlig, obraichean rannsachaidh, iomairtean cànain agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha àireamhan oileanach a’ sìor dhol am meud, le gu h-àraid barrachd chothroman air foghlam air astar ann a-nis.”
Am measg nan daoine a fhuair teisteanas bha Inge Birnie, a bhuineas don Òlaind bho thùs ach a tha a’ fuireach ann am Moireibh. Bha i na tidsear fiosaig ann an Àrd-sgoil Taobh Spè gu o chionn ghoirid, ach tha i a-nis air tòiseachadh air PhD. ’S i Inge a’ chiad neach a tha air Ceum BA (le urram) a thoirt a-mach air astar tron Cholaiste, agus i a’ cosnadh ceum aig a’ chiad ìre.
Thuirt i: “’S beag fios a bh’ agam nuair a thòisich mi air a’ Chùrsa Inntrigidh ann an 2005, gun fhacal Gàidhlig agam, gum bithinn a’ ceumnachadh le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh! Chòrd an Cùrsa Inntrigidh rium glan agus an dèidh dhomh an Cùrsa Adhartais a dhèanamh, a bha mar a’ chiad bhliadhna den cheum, bha cothrom agam a’ cumail orm le modailean a’ cheuma air astar fhad ’s bha mi fhathast ag obair làn-ùine mar Phrìomh thidsear Fiosaig san àrd-sgoil!
“Agus ged a bha na modailean air an lìbhrigeadh air astar, bha iomadh cothrom againn cuideachd tighinn dhan Cholaiste fhèin agus a bhith nar pàirt de choimhearsnachd na Colaiste le sgoiltean deireadh-seachdain agus bha seo na fhìor dheagh chothrom coinneachadh ri oileanaich eile air astar cho math ri oileanaich agus luchd-obrach a bha stèidhichte aig a’ Cholaiste.”
Cuideachd air an oidhche, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air dithis air leth toillteanach a tha air tòrr a dhèanamh don Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean a dh’fhalbh agus an dithis aca cuideachd air a bhith nan urrasairean aig an t-Sabhal Mhòr. B’ iad sin Dr Fionnlagh MacLeòid agus Donnchadh MacGuaire.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha e air leth iomchaidh sa bhliadhna sa bheil sinn a’ comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh gu bheil dlùth cheangal aig Sàr Ghàidheil na bliadhna seo ri toiseach tòiseachaidh an t-Sabhail. Bha an Dr Fionnlagh MacLeòid na bhall dhen chiad Bhòrd Urrasairean agus bha Donnchadh MacGuaire na Chathraiche air Bòrd nan Urrasairean bho 1978 gu 1983, a’ bhliadhna a thòisich cùrsaichean làn-ùine na Colaiste. Tha an dithis aca air cur gu mòr, agus ann an caochladh dhòighean, ri foghlam agus leasachadh na Gàidhlig agus tha e cubhaidh gu bheil an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig a’ buileachadh an urraim a tha seo orra.”
’S ann à Leòdhas a tha Fionnlagh MacLeòid agus tha e na sgrìobhadair Gàidhlig. Tha e air ceum agus for-cheum a thoirt a-mach ann an Saic-eòlas, agus eòlas sònraichte aige air Saic-eòlas ann am Foghlam. Bha e iomadh bliadhna an sàs ann am foghlam sna h-Eileanan Siar aig diofar ìrean agus e greis na Iar-stiùiriche an Fhoghlaim san sgìre. Bha e an sàs ann an grunn phròiseactan lèirsinneach a chaidh a chur air adhart sna h-Eileanan co-cheangailte ri foghlam, a’ choimhearsnachd agus Gàidhlig, nam measg bha am Pròiseact Dà-chànanach sna sgoiltean, am pròiseact dràma, Na Fir Chlis, agus Cinema Sgìre. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh ann an Gàidhlig do chloinn agus inbhich.
’S ann à Muile a tha Donnchadh MacGuaire agus tha e air a bhith an sàs ann am foghlam, agus gu sònraichte foghlam Gàidhlig, airson iomadach bliadhna. Bha e na thidsear Gàidhlig agus na Iar-Reactar aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an uair sin na Iar-Reactar aig Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis mus deach e na Neach-sgrùdaidh Sgoiltean le uallach airson na Gàidhlig aig Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim, dreuchd san robh e airson 11 bliadhna. Tha e air a bhith na neach-comhairleachaidh don Riaghaltas agus iomadh buidheann eile a thaobh foghlam Gàidhlig, agus bha air aon de na ciad urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig agus na Chathraiche don cholaiste fad còig bliadhna. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh leasachadh a thaobh na Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig, agus tha e an-dràsta air a’ Bhòrd Stiùiridh aig Comhairle nan Leabhraichean, Fèis Rois agus Fèisean nan Gàidheal agus bidh e a’ toirt comhairle neo-eisimeileach seachad air cùisean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.
B’ i Erica Mhoireasdan a thug seachad Òraid na Ceumnachd. ’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Erica, agus thug i a-mach ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an Ceiltis mus tàinig i don t-Sabhal Mhòr ann an 1991 gus Dioplòma For-cheum a thoirt a-mach ann an Craobh-sgaoileadh Gàidhlig. Bha i na cleasaiche san dràma telebhisein Ghàidhlig, ‘Machair’, agus ann am filmichean goirid eadar 1992 is 2001. Tha i air a bhith na h-Oifigear Leasachaidh Ealain Ghàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar agus tha i a-nis na Stiùiriche Cruthachail aig Pròiseact nan Ealain.