Prògram de ghnìomhan beò air-loidhne tron Ghàidhlig – #cleachdiaigantaigh
Bidh am prògram air-loidhne air a chumail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig le ceangal ri farsaingeachd de ghoireasan eadar-obrach agus de thachartasan às dèidh sgoile airson òigridh. Bheir seo cothrom do chloinn an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachd na dachaigh.
Tha am Bòrd air a bhith ag obair gu dlùth le Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na Gàidhlig (CnaG), buidhnean òigridh a tha an sàs ann am brosnachadh na Gàidhlig, gus am prògram air-loidhne a chur air dòigh. Am measg nan gnìomhan às dèidh sgoile seo, tha leasanan ciùil air-loidhne, seiseanan bèicearachd, lorgan ulaidh agus tòrr a bharrachd.
Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig:
“Tha e nas cudromaiche, na bha e riamh, aig an àm seo gum bi taic aig òigridh gus Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh cho tric ’s a ghabhas, nuair a tha na sgoiltean dùinte agus gnìomhan aghaidh-ri-aghaidh eile air an cur dheth.”
“Tha sinn airson tòrr fiosrachaidh a thoirt còmhla ann an aon àite a tha furasta a ruigsinn, a tha a’ sealltainn far am faighear farsaingeachd de ghnìomhan a chuidicheas daoine òga gus cothrom fhaighinn air gnìomhan Gàidhlig taobh a-muigh a’ churraicealaim. Tha sinn an dòchas gun cuir barrachd bhuidhnean ris, agus gun toir iad barrachd leudachaidh air a’ phrògram.”
“Bhrosnaicheamaid a’ choimhearsnachd Ghàidhlig an taga-hais #cleachdiaigantaigh a chleachdadh gus goireasan, beachdan agus susbaint a cho-roinn gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann an dachaighean air feadh na dùthcha dhan ìre as motha ’s a ghabhas aig an àm seo.”
“Faodaidh càirdean is caraidean cuideachadh cuideachd le bhith a’ bruidhinn Gàidhlig le daoine òga cho tric ’s a ghabhas – gu pearsanta, air-loidhne no air a’ fòn – a’ dèanamh cinnteach gun lean leasachadh nan sgilean cànain aca an dà chuid aig an àm seo agus san àm ri teachd.
’S e #cleachdiaigantaigh an ath cheum san iomairt shoirbheachail #cleachdi. Air a chur air bhog an-uiridh is e amas na h-iomairt seo luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus innse do dh’Alba agus dhan t-saoghal gu bheil iad moiteil a bhith a’ bruidhinn a’ chànain.
Bidh buidhnean a tha air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus CnaG a’ brosnachadh #cleachdiaigantaigh leis na com-pàirtichean aca.
Thuirt Art MacCarmaig, Àrd-oifigear Fèisean nan Gàidheal: “Coltach ri iomadh buidheann air feadh na dùthcha tha againn aig Fèisean nan Gàidheal ri eòlas a chur air ar n-obair a lìbhrigeadh ann an cruth eadar-dhealaichte fhad ‘s a tha na h-amannan dùbhlanach seo a leantainn. Tha sinn a’ cur fàilte bhlàth air an iomairt #cleachdiaigantaigh le làn dhùil a’ cur ris a’ phrògraim gus taic a chumail ri òigridh a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh ann an coimhearsnachd air-loidhne.”
Thuirt Àrd-oifigear ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “‘S e aon de na rudan às làidire aig lìonra Iomairtean ChnaG an dlùth-cheangal eadar ar n-oifigearan agus an òigridh anns na sgoiltean is coimhearsnachdan fhèin. Tha e an còmhnaidh na fòcas dhuinne a bhith a’ tabhann cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, an taobh a-muigh an seòmar-sgoile, agus aig àm mar seo feuchaidh sinn ris na dlùth-cheangalan ionadail seo a chleachdadh airson cur-seachadan air-loidhne a lìbhrigeadh a tha a’ leantainn ri na h-aon amasan.”
Gus taic a bharrachd a chumail ri pàrantan agus iad a’ toirt oideachadh-dachaigh do an cuid chloinne ann am Foghlam tron Ghàidhlig, chuir Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig làrach-lìn ùr ‘Ionnsachadh Dachaigh’ air bhog an t-seachdain seo.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: https://gaelic.education/.
Bidh prògram #cleachdiaigantaigh a’ dol beò air Diluain 4 Cèitean agus bi e ri fhaighinn air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig: www.gaidhlig.scot.