Skip to content
SMO Generic Banner Image

Co-labhairt òrain eadar-nàiseanta san Eilean Sgitheanach a’ cur furan air dualchas ceòl na h-Alba



Thàinig eòlaichean, luchd-ciùil is seinneadairean às iomadh ceàrn a dh’™Alba cruinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa airson dualchas àraid òrain na Gàidhlig is na Beurla Gallda a rannsachadh.

Bha còrr is 70 neach a’ frithealadh na co-labhairt, Òran 2010 Sang, fad trì làithean, a chuir Sabhal Mòr Ostaig agus Acadamaidh Rìoghail na h-Alba airson Ceòl is Dràma (RSAMD) air dòigh agus chualas òraidean bho shàr eòlaichean a leithid Dr Mairead Bennett, an neach-ciùil is craolaidh, Màiri Anna NicUalraig agus Dr Fred Freedman, eòlaiche air òrain Raibeirt Burns.

B’ e an sgrìobhaiche is eòlaiche ciùil, Dr Iain Mac an Sporain, a thug a’ chiad òraid seachad air an dàimh eadar ceòl na Gàidhlig is na Beurla Gallda agus air an iomlaid eadar an dà fhreumh seo de dhualchas ceòl na h-Alba. Chuala muinntir na co-labhairt na h-òraidean aig na h-eòlaichean eadar-nàiseanta, Dr Ruth Perry à Institiùd Teicneòlais Mhassachusetts agus Aindrias Hiort à Oilthigh Otago, Sealainn Nuadh.

Thug Dr Thomas McKean à Oilthigh Obar Dheathain òraid seachad air dreach macaronach den tàladh a chlàraich Murchadh MacRath às a’ Chaol, Loch Aillse airson an neach-cruinneachaidh òran, James Madison Carpenter à Ameireagaidh an 1931.

Bha a’ cho-labhairt na deagh shamhla air an dàimh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus an RSAMD airson taic is leasachadh a chumail ri ealain is cultar na Gàidhlig an Alba. Thuirt am Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsabail an t-Sabhail Mhòir:’Tha òrain is ceòl na Gàidhlig air a bhith air cridhe obair na Colaiste on a chaidh a stèidheachadh agus tha e na thlachd mhòr gum b’ urrainn dhuinn fhèin is ar caraidean aig an RSAMD a’ cho-labhairt seo a chur air chois.

‘Tha e mar ghealladh oirnn gun solaraich sinn barrachd chothroman anns na h-ealain tro mheadhan na Gàidhlig agus gum brosnaich sinn an cànan is an cultar gu h-eadar-nàiseanta. Nì sinn fiughair ri toraidhean na co-labhairt fhaicinn agus ris a’ bharrachd com-pàirteachais leis an RSAMD.’

Thuirt am Proifeasair John Wallace, Prionnsabail an RSAMD:  ‘It is a pleasure to be here in Skye to listen to such distinguished speakers discuss the wealth of Scotland’s musical heritage.  Sabhal Mòr Ostaig and the RSAMD is more than a partnership, it’s a marriage made in heaven, and through the twin mediums of Gaelic and Scots we will help propel Scotland to an ever higher position on the world’s cultural stage.’

Thuirt Andrew Dixon, Ceannard Alba Cruthachail, a choinnich ri muinntir na co-labhairt:
‘Creative Scotland will be a rallying call for the cultural strengths of the whole of Scotland.  Traditional arts is a key sector and is central to Scotland’s international reputation.  The work at Sabhal Mòr Ostaig is building a strong base for contemporary Gaelic culture.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578