
Coimhearsnachd is còmhradh aig cridhe Sgoil Shamhraidh na Gàidhlig
Fhuair oileanaich Ghàidhlig àrd-ìre bho air feadh na h-Alba cothrom aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a leasachadh aig an 7mh Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig a thàinig gu crìch an-diugh (Dihaoine 7 Sultain). Tha an sgeama cànain a’ toirt cothrom do dh’oileanaich Ghàidhlig àrd-ìre – a tha a’ dol air adhart chun na 3mh no 4mh bliadhna ann an ceum le urram no a tha a’ dèanamh for-cheum – an cuid Gàidhlig a leasachadh agus a chleachdadh ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte is inntinneach. Thàinig grunn oileanaich bho air feadh Alba cruinn còmhla airson na Sgoile a chaidh a chumail thairis air trì seachdainean.
Tha an Sgoil air a bhith dol airson 7 bliadhna, agus gach bliadhna bidh aon de na h-oilthighean a tha an sàs san sgeama ga ruith. Dhealbh Sabhal Mòr Ostaig prògram a bha an dà chuid inntinneach agus farsaing far an robh oileanaich a’ faighinn cothrom a dhol an sàs ann an grunn shuidheachaidhean eadar-dhealaichte gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh.
Sa chiad seachdain, bha oileanaich aig an t-Sabhal Mhòr airson seachdain cànain far an robh iad a’ dèanamh chlasaichean gràmair agus còmhraidh, agus bha iad cuideachd a’ faighinn chothroman còmhraidh taobh a-muigh nan clasaichean. San dàrna seachdain aca bha na h-oileanaich air aoigheachd aig muinntir Fhlòdaigearraidh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich airson seachdain coimhearsnachd. Bho obair chroiteireachd gu cèilidhean fhuair iad cothrom air leth Gàidhlig nàdarra a chluinntinn agus a dhol an sàs ann am beatha làitheil na coimhearsnachd. An t-seachdain seo, an t-seachdain chruthachail agus an t-seachdain mu dheireadh aca, fhuair na h-oileanaich cothrom a dhol an sàs ann an nithean cruthachail fhad ’s a tha iad a’ toirt piseach air an cuid Gàidhlig, nithean mar cheòl, na meadhanan agus cuspairean sònraichte eile.
Thuirt Abi Lightbody, oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, mun àm aice aig an Sgoil Shamhraidh: “Tha mi cho toilichte gun d’ fhuair mi cothrom pàirt a ghabhail anns an Sgoil Shamhraidh aig Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna, oir ’s e colaiste uabhasach math a th’ ann airson na sgilean cànan agam a leasachadh is a chleachdadh. Bha an t-seachdain ann an Flòdaigearraidh sgoinneil. B’ e còcaireachd an rud as fheàrr leam agus bha e glè chuideachail airson mo Ghàidhlig fhèin a bhith a’ fuireach ann an àite mar Flòdaigearraidh far a bheil muinntir na coimhearsnachd a’ bruidhinn Gàidhlig.”
Thuirt Fiona Dunn, Oifigear na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu is Co-òrdanaiche Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig: “Tha Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig na fìor dheagh chothrom do dh’oileanaich air feadh Alba, na sgilean labhairt is conaltraidh aca ann an Gàidhlig a leasachadh. Nuair a bhios tu ag ionnsachadh cànan sam bith, chan eil dad nas cudromaiche na cothroman cleachdaidh agus tha oileanaich, gu sònraichte an fheadhainn anns na bailtean mòra, feumach air cothroman mar seo. Tha an Sgoil air a dhol bho neart gu neart on a thòisich Oilthigh Obar Dheathain i ann an 2005 agus tha sinn an dòchas gun tèid againn air a cumail a’ dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn le taic bho luchd-maoineachaidh agus eòlas nan ionadan foghlaim leithid, Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste a’ Chaisteil. Tha cothroman mar seo riatanach airson na Gàidhlig san àm ri teachd mas e is gu bheil sinn ag iarraidh òigridh a tha misneachail a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus an cànan a thoirt air dhan ath ghinealach.”
A rèir Eairdsidh MhicGilleathain, Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha sinn air leth toilichte gun d’fhuair Sabhal Mòr Ostaig an cothrom an Sgoil Shamhraidh Nàiseanta a ruith am-bliadhna. Bha e na adhbhar toileachais dhuinn na h-oileanaich a bhith còmhla rinn aig a’ Cholaiste. Tha mi ’n dùil gun do chuir sinn prògram inntinneach air dòigh dhaibh, le diofar thachartasan aig a’ Cholaiste fhèin agus ann am Flòdaigearraidh ann an ceann a tuath an eilein, a bha a’ toirt chothroman dhaibh a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an diofar shuidhichidhean.
“Tha sinn cuideachd toilichte gun do chòrd an Sgoil Shamhraidh cho math ris na h-oileanaich agus gun d’fhuair iad uiread de mhisneachd gus na sgilean labhairteach aca anns a’ chànan a leasachadh. Tha e air leth cudromach gum faigh an Sgoil Shamhraidh taic anns na bliadhnaichean a tha romhainn gus an urrainn dhuinn an aon mhisneachd a thoirt do ghinealaichean ùra na Gàidhlig.”
Tha an Sgoil air a maoineachadh le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, agus tha e fosgailte do dh’oileanaich a tha a’ dèanamh chùrsaichean Gàidhlig aig àrd-ìre a tha a’ dol air adhart chun na 3mh na 4mh bliadhna ann an ceum le urram no a tha a’ dèanamh cùrsa for-cheuma.