Dà chom-pàirteachas ùr aig Sabhal Mòr Ostaig
Chuir Sabhal Mòr Ostaig, An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, aonta ri dà Aonta Co-Obrachaidh ùr o chionn ghoirid, aon dhiubh le Urras Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath agus fear eile le Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatann, Canada.
Tha Sue Fogden, Cathraiche Urras Taigh Chearsabhagh, agus Boyd Robasdan, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, air làmh a chur ri Aonta Co-Obrachaidh gus Gàidhlig a thoirt air adhart an lùib obair Taigh Chearsabhagh, an taigh-tasgaidh is ionad-ealain ann an Loch nam Madadh.
Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha dlùth cheangal eachdraidheil eadar Uibhist a Tuath agus Slèite tro Chlann Dòmhnaill agus tha an t-Aonta Co-obrachaidh seo a’ toirt cothrom dhan dà sgìre dàimh ùr a thogail eatorra. Mar Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, tha e mar dhleastanas oirnn a bhith a’ frithealadh iarrtasan choimhearsnachdan air feadh na dùthcha agus a bhith ruith chlasaichean is chùrsaichean far a bheil daoine gan iarraidh. Mar sin, bha sinn ro dheònach gabhail ri iarrtas bho Thaigh Chearsabhagh clas do luchd-ionnsachaidh a chur air chois san ionad agus tha e na thoileachas gu bheil a’ bhuidheann sin a-nis air Cùrsa Inntrigidh an t-Sabhail a chriochnachadh gu soirbheachail. Tha sinn an dùil na cothroman ionnsachaidh sin an Uibhist a leudachadh mar phàirt dhen Aonta seo agus bidh sinn cuideachd a’ toirt taic do Thaigh Chearsabhagh a thaobh rianachd ionmhais, leasachadh cànain, na h-ealain agus obair a’ Chomainn Eachdraidh.
Às dèidh dhi làmh a chur ris an Aonta thuirt Sue Fogden: “Tha Taigh Chearsabhagh fìor thoilichte gu bheil sinn air ar com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig a dhaingneachadh tron Aonta seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air ar prògram de dh’obair agus sinn a’ cur cànan is dualchas na Gàidhlig air adhart, dualchas às a bheil sinn glè mhoiteil. Coltach ris an Eilean Sgitheanach, tha a’ Ghàidhlig na pàirt mòr den choimhearsnachd agus den chultar againn ann an Uibhist agus cuidichidh an com-pàirteachas seo le bhith a’ gleidheadh a’ chànain agus gach buannachd a thig bho dà-chànanas, agus le bhith a’ cur dìon air beartas dualchas nan Gàidheal san eilean. Tha a h-uile duine aig Taigh Chearsabhagh a’ dèanamh fiughair mhòr ri bhith a’ togail air an obair chom-pàirteachaidh seo le Sabhal Mòr Ostaig.”
Chuir Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, Iain Tormod MacLeòid, a làmh ri Aonta Co-Obrachaidh eadar Colaidse na Gàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig nuair a fhritheil e co-labhairt ann an Ceap Breatann o chionn ghoirid. Leis an Aonta tha an dà cholaiste a’ cur romhpa a bhith ag obair còmhla gus cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig a thoirt air adhart. Thathar an dòchas cothroman a chomharrachadh gus: cur ris an fhoghlam Ghàidhlig a tha an dà ionad a’ toirt seachad; taic a thoirt do cho-obrachadh, turasan agus iomlaid eadar na colaistean; agus gus tachartasan cultarach Gàidhlig a chur air dòigh agus eòlas a cho-roinn a thaobh beul-aithris, ceòl agus nan ealain.
Chaidh ‘A’ Ceangal nan Gàidheal’, co-labhairt eadar-nàiseanta, a chumail ann an Colaisde na Gàidhlig san Iuchar. B’ e sin a’ chiad chruinneachadh dhe a leithid ann an Canada a bha a’ toirt Ghàidhealtachdan bho Alba, Èirinn agus Alba Nuadh còmhla, agus bha buidhnean agus daoine an làthair a tha an sàs ann an adhartachadh chànanan, leasachadh na h-eaconamaidh agus ann an cùisean cultarach sna sgìrean Gàidhlig air gach taobh den Chuan Siar.
Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, Iain Tormod MacLeòid: “Tha e air leth freagarrach gu bheil Sabhal Mòr Ostaig agus Colaisde na Gàidhlig a’ cur air adhart an Aonta Co-Obrachaidh seo, thoradh tha e a’ neartachadh nan ceanglaichean daingeann a th’ ann a-cheana agus tha e na chomharra air cho cudromach ’s a tha na ceanglaichean sin. Tha an t-Aonta Co-Obrachaidh seo a’ toirt chothroman dhuinn a bhith a’ togail air a’ cho-obrachadh eadarainn agus a bhith a’ cur iomairtean an sàs a bheir cànan is cultar na Gàidhlig air adhart ann an Alba agus Alba Nuadh.”
Tha na ceadan airson na dealbhan seo le Iain Stephen Moireastan agus Colaidse na Gàidhlig