Còmhraidhean Stiùideo
Cumaidh Mhairi Killin, fhad ‘s a bhios i ann an dreuchd an neach-ealain, feasgar fosgailte a h-uile mìos san stiùideo far an gabh daoine cupa tì còmhla is far an dèan iad beagan còmhraidh ri chèile. Tha seo airson luchd na colaiste agus an neach-ealain a dhèanamh aithnichte dha chèile agus airson leigeil do dhaoine an stiùideo fhèin fhaicinn. Airson leigeil dhaibh, cuideachd, beachdachadh air a’ cheangal eadar an neach-ealain agus a’ Cholaiste, agus eadar i ’s a’ choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd.
Mar sin, nan tigeadh sibh dhan stiùideo Diardaoin 7 Am Màrt uair sam bith eadar 3.30 agus 5.00f, bhiodh fàilte romhaibh.
Thigibh a choinneachadh ris an neach-ealain, gabhaibh balgam agus bithibh a’ cnuasachadh air àite nan ealan lèirsinneach ann an cultar na Gàidhlig. Chì sibh na bileagan a dh’fhàg i air a’ bhalla, agus ceistean orra, san Atrium ann an ACC no air taobh a-muigh an Stiùideo Ealain ann am FÀS. Nach lìon sibh tè aca!
Cuimhnichibh gum faod sibh ur sròn a chur a-steach air an doras uair sam bith eile, cuideachd, airson sùil a thoirt air an obair a tha Mhairi a cruthachadh.