Skip to content
SMO Generic Banner Image

Corona Virus 24-03-2020



Mar a bhios sibh uile air faicinn is cluinntinn, dh’atharraich an stiùireadh nàiseanta a-rithist an-raoir agus cùisean a fàs teann dhuinn uile.  Tha am Prìomhaire agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, le chèile, air mìneachadh a thoirt dhuinn air na h-adhbharan a bhith a’ dol a-mach às an dachaigh agus ‘s iad sin:

  • Airson biadh a cheannach, ach gun a bhith ga dhèanamh ro thric
  • Eacarsaich uair san latha a-muigh
  • Feumalachdan meidigeach no gus taic a thoirt do nàbaidhean a tha so-le`nte
  • A’ siubhal gu obair agus air ais, far a bheil seo riatanach agus far nach eil e comasach a dhèanamh bhon taigh.

‘S mar sin, cumaidh sinn ri na co-dhùnaidhean againn agus bidh togalaichean na Colaiste dùinte bho seo a-mach ach a-mhàin Bloc C far a bheil oileanaich eadar-nàiseanta agus mar a thuirt sinn roimhe, neach-càraidh tron latha agus neach-gleidhidh fad na h-oidhche.

Bidh na manaidsearan agaibh a conaltradh dhuibh a thaobh planaichean-obrach, modhan conaltraidh agus puingean sam bith eile feumail anns na làithean a tha romhainn.

Tha sinn an dùil agus an dòchas gun cùm gach neach-obrach ris an stiùireadh seo.  Le bhith a’ fantail aig an taigh, dh’fhaodadh sibh a’ dìon bheathannan.

 

*******************************************************************************************

 

Tha slàinte is sunnd luchd-obrach, oileanaich agus luchd-tadhail na phrìomhachas dhuinn.

Tha a’ bhuidheann Dìon Slàinte na h-Alba a’ gabhail smachd air freagairtean anns an t-suidheachadh seo agus gheibh sinn stiùir bhuapa.

Tha a h-uile fiosrachadh buntainneach slàinte poblach, a’ toirt a-steach ùrachadh cunbhalach, air làrach-lìn fiosrachadh NHS inform.

Ma tha dragh air daoine mun cuid slàinte ceangailte le amharas coronavirus, bidh sinn ag iarraidh gun lean iad comhairle agus fios a chur gu NHS24 tron àireamh 111.

Gheibhear barrachd comhairle mu dheidhinn siubhal gu sgìrean air a bheil buaidh, air làrach-lìn Fit for Travel.

 

*******************************************************************************************

‘Se prìomhachas na Colaiste slàinte is sàbhailteachd an luchd-obrach agus oileanaich aig an àm dhùbhlannach seo. Leis gu bheil sinn air stad a chuir air teagasg aghaidh-ri-aghaidh tha sinn ag obair a dh’ ionnsaigh ionnsachdh air loidhne cho luath sa ghabhas.
 
Tha SMO glè eòlach air a bhith a’ lìbhrigeadh teagasg air loidhne agus ged’se suidheachadh gu tur neò-àbhaisteach a tha seo dhuinn uile, tha sinn a’ planadh gu faiceallach gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh leantainn air adhart le ur cuid ionnsachaidh ge bi càite bheil sibh.
 
Cha bhi deuchainnean a’ tachairt air làrach na Colaiste sa bhliadhna acadaimigich seo 19/20 agus chan fheum oileanaich tilleadh gu làrach na Colaiste gu toiseach na bliadhna acadaimigich 20/21.
 
Bidh Seirbheisean nan Oileanach agus Seirbheis Comhairleachaidh SMO a’ tabhainn seirbheis air loidhne bhon ath sheachdain.
 
Tha sinn a’ tuigsinn gur e suidheachadh mì-chinnteach a tha seo dha coimhearsnachd na Colaiste againn ach cumaibh sùil air làrach-lìn airson an fhiosrachadh as ùire

Fiosrachadh is comhairle as ùire do dh’oileanaich mun Choròna-bhìoras (COVID-19) bhon Riaghaltas:
https://bit.ly/FiosrachadhdoOileanaich

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578