Cothrom a-nis ceum ann an Gàidhlig a dhèanamh air astar
Bhon t-Sultain am-bliadhna tha Sabhal Mòr Ostaig gus a bhith uidheamaichte airson a bhith a’ tabhann gach ìre de cheum BA (le Urram) air astar airson a’ chiad uair. Tha seo a’ dol a thoirt cothrom do dhaoine a tha ag iarraidh ionnsachadh tron Ghàidhlig slighe ionnsachaidh a leantainn a bheir iad bho bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gu bhith dèanamh cùrsa ceuma anns a’ Ghàidhlig agus sin uile air astar.
Thòisich Sabhal Mòr Ostaig a’ lìbhrigeadh a’ Chùrsa Inntrigidh ann an 2000, agus tha còrr is 1,500 neach air a’ chùrsa a dhèanamh bhon uair sin. Agus air sgàth’s mar a bha daoine ag iarraidh cùrsa a bheireadh iad gu fileantas chaidh An Cùrsa Adhartais, a’ chiad bhliadhna de cheum BA, a stèidheachadh ann an 2006 mar an ath cheum air an t-slighe ionnsachaidh air astar.
A-nis, tha e gu bhith comasach do dh’oileanaich na modalan airson bliadhnaichean 2-4 de dhà cheum BA (le Urram) a dhèanamh air astar – an ceum ann an Gàidhlig agus Leasachadh is an ceum ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig. Tha luchd-teagaisg, le taic bho an co-obraichean ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, air a bhith ag obair gus an sgeama ùr seo a dhealbh.
Bidh na cùrsaichean a’ cleachdadh an aon seòrsa siostaim sa tha na Cùrsaichean Inntrigidh is Adhartais, far a bheil oileanaich a’ dèanamh feum de ghoireasan ionnsachaidh air-loidhne agus a’ dèanamh chlasaichean fòn fo stiùir oide.
A’ bruidhinn air a’ phrògram ionnsachaidh ùr, thuirt Prionnsapal na Colaiste
An t-Oll Boyd Robasdan: “’S e leasachadh cudromach a tha seo a chuireas ri inbhe na Colaiste mar Shàr Ionad Nàiseanta agus Eadar-nàiseanta na Gàidhlig. Tha oileanaich air a bhith againn air cùrsaichean goirid air an t-samhradh seo bho 24 dùthaich agus bidh cothrom acasan agus aig daoine eile air feadh na rìoghachd agus air feadh an t-saoghail cùrsa ceum ann an Gàidhlig gu ìre urraim a dhèanamh nan dachaighean fhèin.”
Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha mòran eòlas-cleachdaidh agus ealantas aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam air astar agus ann a bhith a’ tabhann chùrsaichean, an dà chuid air an làraich agus air astar, a bheir cothrom air sùbailteachd agus adhartas ionnsachaidh do dh’oileanaich.
“A thuilleadh air an dà chùrsa ceum air astar, tha e comasach do dh’oileanaich gluasad air adhart gu foghlam for-cheum aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha ri fhaotainn cuideachd tro fhoghlam air astar. Tha modalan fa leth bho na ceumannan air astar cuideachd air an tabhann mar Leasachadh Dreuchdail Leantainneach ann an raointean mar phoileasaidh is planadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd. Tha na cùrsaichean ceuma cuideachd mar phàirt de phrògram airson trèanadh thidsearan, a’ leantail gu teisteanas ann an Gàidhlig le Foghlam, ann an com-pàirteachas le Oilthigh Obar Dheathain.”