
Cothrom ann am prògram agad fhèin a chruthachadh is a chraoladh air rèidio
Tha sreath de chùrsaichean rèidio gu bhith gan cumail aig Sabhal Mòr Ostaig far am bi daoine ag ionnsachadh mu bhith dèanamh, a’ clàradh is a’ craoladh phrògraman rèidio, agus tha cothrom gu bhith ann do na h-oileanaich na prògraman a nì iad a chluinntinn air stèisean rèidio ionadail no coimhearsnachd.
Thèid a’ chiad chùrsa a chumail air 16-17 Gearran, agus thèid dà chùrsa deireadh-sheachdain eile a chumail air 9-10 Màrt is 20-21 Giblean. An uair sin as t-samhradh eadar 5-9 Lùnastal bidh cùrsa ann a mhaireas seachdain a thèid a ruith an co-bhuinn ri Conservatoire Rìoghail na h-Alba mar phàirt de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail, far am faigh oileanaich cothrom na sgilean ùra aca a chur air ghleus agus a chur gu deagh fheum.
Mar phàirt de na cùrsaichean, bidh sreath de shàr chlasaichean fo stiùir oidean aig a bheil deagh eòlas air diofar thaobhan de obair rèidio, a bheir do dhaoine na sgilean a tha dhìth gus prògram rèidio a chlàradh agus gus beachd airson prògram a chur an cèill is a thoirt gu buil. An uair sin, thathar an dòchas gum faigh na h-oileanaich cothrom na prògraman aca a chraoladh air stèisean rèidio.
Thuirt Artair Donald, an Neach-dràma air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ co-òrdanachadh nan cùrsaichean: “Tha mi uamhasach fhèin toilichte an cothrom seo a chur air bhonn le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha seo airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann an rèidio. ’S e deagh chothrom a th’ ann a bhith ag ionnsachadh ciamar a nì thu prògram rèidio, agus gach ceum a tha an lùib sin, agus ciamar a bheir thu do beachd airson prògram rèidio gu buil. A bharrachd air an sin bidh spòrs aig na daoine a ghabhas pàirt sna deireadh-sheachdainean seo, gheibh iad cothrom coinneachadh ri daoine eile, agus gheibh iad cothrom a bhith cruthachadh prògram.”
Am measg nam bùithtean-obrach a tha gu bhith ann, bidh ‘A’ sgrìobhadh comadaidh’ le Rab Christie on Comedy Unit aig BBC Alba, ‘A’ sgrìobhadh sgriobtaichean dràma’ le Catrìona Lexy Chaimbeul a tha na Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig SMO, ‘Trèanadh gutha’ le Liz Carruthers, ‘Fuaimean ann an rèidio’ le Dòmhnall Pirie, ‘A’ sgrìobhadh sgriobtaichean airson preasantairean’ le Mòrag Stiùbhairt bho Sealladh TV, agus ‘Sgilean clàraidh is gearraidh’ le MG ALBA.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean is cothroman seo, tadhlaibh air http://www.smo.uhi.ac.uk no cuiribh fios no fòn gu na Cùrsaichean Goirid aig sm00cg@uhi.ac.uk no air 01471 888 240. Air neo faodaidh sibh fios a chur gu Neach-dràma an t-Sabhail, Artair Donald aig sm04ad@uhi.ac.uk no air 07921 679007.