Cothrom do luchd-ealain òga Albannach – Luchd-ciùil, Seinneadairean & Sgeulaichean.
Tha Sabhal Mòr Ostaig & An Lòchran a’ sireadh luchd-ealain Albannach gus pàirt a ghabhail ann am pròiseact eadar Èirinn & Alba, ag obair le buidheann òga ann an Èirinn airson taisbeanadh a chur ri chèile airson cuairt.
’S e cothrom iongantach a tha seo do luchd-ealain òga, agus gheibh sibh cothrom a bhith ag obair le proifeasantaich ann an Èirinn agus Alba.
Feumalachdan:
- Aois 18-25
- A’ fuireach ann an Alba
- Fileanta sa Ghàidhlig
- Comasach air ceòl, seinn, sgeulachdan innse no seòrsa ealain eile, no measgachadh dhiubh seo
- Saor airson ùine leasachaidh ann an Èirinn anns an Lùnastal 2016
- Saor airson taisbeanaidhean anns an t-Sultain 2016
Bidh cosgaisean an turais agus cuairt air am pàigheadh dhuibh agus bidh tuarastal beag do gach neach-ealain cuideachd.
Feumaidh sibh fios a chur ro 5f Diardaoin 21/7/16, le fiosrachadh mu ur deidhinn agus carson a tha sibh airson pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact, agus cuin a tha sibh saor tron Lùnastal agus Sultain 2016. Cuir fios ro-làimh le ceistean sam bith.
Cuiribh fios gu:
Kath NicLeòid, Sabhal Mòr Ostaig: kl.smo@uhi.ac.uk
no Shona Masson, An Lòchran: shona@anlochran.com