
Cothrom ionnsachaidh don ath ghinealach de stiùirichean telebhisein
Thàinig buidheann de sgoilearan, a tha ma dh’fhaoidte gu bhith nan ath ghinealach de stiùirichean is riochdairean telebhisein, cruinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig OGE an t-seachdain sa chaidh gus a’ chiad phàirt de chùrsa mheadhanan a dhèanamh, a bheir sgilean dhaibh a bhios air leth feumail do dhuine sam bith aca a tha miannachadh a dhol an sàs ann an riochdachadh telebhisein.
Tha an cùrsa, Duais Adhartais Nàiseanta (NPA) ann an Riochdachadh Telebhisein, air a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig agus bithear ga chumail ann an trì cuibhreannan thar trì diofar sheachdainean agus e a’ crìochnachadh as t-Earrach 2015.
Tha ochdnar sgoilearan bho Àrd-sgoil Phort Rìgh, Àrd-sgoil a’ Phluic, Àrd-sgoil Gheàrrloch agus Àrd-sgoil Loch Abar a’ dèanamh a’ chùrsa agus bidh iad ag ionnsachadh mu na diofar sgilean a tha dhìth gus prògram telebhisein a dhèanamh.
Thuirt Eàirdsidh MacGilleathain, Iar-stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha sinn cianail toilichte a bhith ag obair còmhla ris na sgoiltean agus le Comhairle na Gàidhealtachd gus an cùrsa seo a lìbhrigeadh a-rithist. Tha e na fhìor adhbhar toileachais dhuinn gu bheil an òigridh seo a’ gabhail ùidh anns na meadhanan agus gu bheil Sabhal Mòr Ostaig comasach an t-eòlas agus na goireasan a th’againn a chleachdadh gus cothroman ionnsachaidh a bharrachd a chruthachadh do chlann-sgoile le Gàidhlig. A-rèir choltais, chòrd a’ chiad seachdain riutha gu mòr agus bidh sinn a’ cur fàilte orra a-rithist nas fhaide air adhart sa bhliadhna gus cur ri an cuid sgilean riochdachadh telebhisein agus cothrom a thoirt dhaibh na prògraman aca a leasachadh.”
Thuirt Catrìona NicIain, Stiùiriche an Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig aig SMO: “Chòrd e rinn gu mòr an òigridh a bhith cuide rinn aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha e na adhbhar misneachd gu bheil uiread a’ sealltainn ùidh sa chùrsa seo. Tha iad air a bhith ag ionnsachadh na sgilean bunaiteach ann am planadh, riochdachadh is stiùireadh prògram telebhisean, a bharrachd air sgilean camara is fuaim. Nuair a thilleas iad as t-Fhoghar tha iad gu bhith fhiolmadh na pròiseactan aca agus as dèidh sin thèid na prògraman aca a ghearradh nuair thilleas iad aig toiseach 2015. Tha sinn an dòchas gun do chòrd an t-seachdain seo riutha fhèin agus gu bheil na cothroman a tha iad a faighinn aig a’ cholaiste thairis air a’ chùrsa seo a dol a chuir ris an ùidh a th’aca anns na meadhanan agus gun till iad gus cùrsaichean eile a dhèanamh sam àm ri teachd.”
Tha an cùrsa a tha aig ìre 5 de Frèam Chreideasan agus Theisteanasan na h-Alba (SCQF) agus a tha mar bhun-fhiosrachadh airson riochdachadh telebhisein air a dhèanamh suas de cheithir aonadan: a’ stiùireadh prògram aon-chamara; a’ cleachdadh camara bhidio (sgilean bunaiteach); gearradh bhidio (sgilean bunaiteach); agus a’ clàradh fuaim airson aon chamara. Thèid a’ chuid as motha den ùine aig SMO a chur seachad anns an stiùidio a’ leasachadh sgilean pragtaigeach, mar phàirt de sgioba air a dhèanamh suas de stiùiriche, neach-camara agus co-dhiù neach teicnigeach solais no neach-clàraidh fuaim. Bidh na sgoilearan a’ dol an sàs ann a bhith a’ cruthachadh prògram bhon a’ chiad bheachd-smuain gu bhith cur dreach deireannach air. Aon uair ’s gu bheil am prògram air a chlàradh, thèid a ghearradh gus a bheil e deiseil airson a shealltainn. Thèid obair nan sgoilearan fhoillseachadh aig Là Taisbeanaidh a thèid a chumail as t-Earrach an ath bhliadhna.
Tha an cùrsa seo mar phàirt den Teisteanas Nàiseanta (NC) anns na Meadhanan agus tha e cuideachd a’ seasamh leis fhèin mar thoiseach tòiseachaidh gus sgilean bunaiteach a thogail airson nam meadhanan. Chaidh a dhealbh le bhith a’ gabhail ealla ri slatan-tomhais dreuchdail nàiseanta anns na meadhanan agus cuideachd mar bhun-stèidh làidir airson tuilleadh adhartais a dhèanamh anns a’ ghnìomhachas. Chaidh an cùrsa a chur air bhonn ann am compàirteachas ri Comhairle na Gàidhealtachd is an sgioba 16+ aca gus barrachd chothroman a thoirt do dh’ òigridh gus Sgilean Obrach a leasachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh aca san àrd-sgoil.
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig a-cheana, cùrsa làn-thìde do dhaoine a tha air an sgoil fhàgail, a chaidh a dhealbh airson luchd-trèanaidh ullachadh airson saoghal craolaidh an latha an-diugh. Tha oileanaich air an trèanadh ann an suidheachadh Gàidhlig agus ann an dòighean a’ ghnìomhachais, a’ toirt dhaibh an cothrom teisteanas aig àrd-ìre a chosnadh agus aig an aon àm eòlas fhaighinn air dreuchdan eadar-dhealaichte anns na meadhanan.