Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chaluim Chille Ìle a’ faighinn aithne airson na h-obrach a tha iad a’ dèanamh don Ghàidhlig
Chaidh cuirm shònraichte a chumail aig Taigh Dover ann an Lunnainn, air aoigheachd Rùnaire na Stàite airson Alba, am Fìor Urramach Alistair MacIlleMhìcheil BP, an-dè (18 Màrt) mar urram don dà ionad-foghlaim chom-pàirteach Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus Ionad Chaluim Chille Ìle.
Chaidh an tachartas a chur air dòigh gus aithne a thoirt air an obair ionmholta is chudromach a tha an dà ionad air a dhèanamh gus cànan, cultar agus coimhearsnachdan na Gàidhlig a neartachadh agus ath-bheothachadh.
Thuirt Rùnaire na Stàite airson Alba, Alistair MacIlleMhìcheil BP: “Thug e toileachas mòr dhomh an tachartas seo a chumail airson urram a nochdadh do dhà ionad a tha air uiread a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart. Mar Ìleach, tha àite sònraichte aig Ionad Chaluim Chille Ìle nam chridhe, agus còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig tha iad air tòrr a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig a chumail beò agus gus cultar na Gàidhlig a chur air adhart am measg dhaoine bho iomadh ceàrnaidh. Sna na bliadhnaichean ri teachd, ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a thighinn am feabhas mar bu chòir, tha e riatanach gun obraich an dà Riaghaltas aig Alba còmhla, le taic bhon roinn phrìobhaidich is bhon roinn phoblaich, buidhnean coimhearsnachd agus cuidichidh tachartasan mar a’ chuirm seo agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail.”
Às dèidh na cuirme, thuirt am Morair Minginis, Cathraiche Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir: “Tha mi uabhasach taingeil do Rùnaire na Stàite airson Alba, Alistair MacIlleMhìcheil BP, airson a’ chuirm seo a chur air dòigh. Tha e a’ nochdadh chan e a-mhàin a spèis a th’ aige fhèin, mar Ghàidheal, ann an obair an t-Sabhail ach an spèis a th’ aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte anns na tha sinn a’ dèanamh airson cor aon de chànanan àrsaidh Bhreatainn a leasachadh. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhuinne bratach an t-Sabhail a thogail ann an Lunnainn le a bhith a’ coinneachadh agus a’ conaltradh ri daoine a tha ag obair neo a’ fuireach mu dheas aig a bheil ùidh anns na tha sinn a’ dèanamh. Tha oidhche thoilichte, fheumail air a bhith againn agus, às leth a h-uile duine aig an t-Sabhal Mhòr, tha mi gu mòr an comain Rùnaire na Stàite airson cothrom na h-oidhche a-nochd a thoirt dhuinn.”
Tha ceangal làidir air a bhith eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chaluim Chille Ìle bho dh’fhosgail ICCI ann an 2002, agus an dà ionad a’ cur cànan is cultar nan Gàidhlig air adhart agus a’ tabhann ghoireasan is cothroman air leth do na coimhearsnachdan aca.
Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh ICCI, Catrìona NicIain: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil Rùnaire na Stàite a’ toirt urram mar seo dhuinn, agus e na Ìleach e fhèin. Tha sinn taingeil gu bheilear a’ toirt aithne air an obair a nì sinn fhìn is Sabhal Mòr Ostaig gus Gàidhlig a thoirt air adhart. Mar a tha follaiseach, tha na ceanglaichean eadar sinn fhìn is Sabhal Mòr uabhasach feumail. Tha Sabhal Mòr Ostaig air tòrr taic a thoirt dhuinn thairis air na bliadhnaichean, agus iad ag obair ann an com-pàirteachas leinn agus a’ toirt stiùireadh dhuinn. Tha an dàimh a th’ againn le SMO air a bhith fìor chudromach do mar a chaidh Gàidhlig a neartachadh ann an Ìle.”
A rèir Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig SMO airson Leasachaidh, agus a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh an Ionaid ann an Ìle: “Tha e air leth freagarrach gu bheil Rùnaire na Stàite air urram a nochdadh don dà ionad san dòigh seo. Tha an càirdeas eadar Sabhal Mòr Ostaig is Ionad Chaluim Chille Ìle air a bhith fìor chudromach, agus chan e a-mhàin gu bheil sinn ag obair ann an com-pàirt gus sàr fhoghlam a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig, tha an dà ionad cuideachd a’ cur gu mòr ri mar a tha an eaconamaidh a’ dol am feabhas sna sgìrean aca. Tha an dàimh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chaluim Chille Ìle air a bhith gu math feumail agus tha e air an ceangal eadar an dà eilean a neartachadh cuideachd.”