Bùth Obrach sonraichte – Na cunnartan aig bancaichean is iad a’ maoineachadh gnothachais
Tha sinn gad fhiathachadh a thighinn gu tachartas gnothachais an asgaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, air 12 Màrt.
‘S urrainn dhut bruidhinn aig an tachartas ri luchd-obrach às a h-uile Com-pàirtiche Foghlaim OGE agus Seirbheis Dhreuchdan an Oilthigh, An Roinn Leasachaidh, An Roinn Rannsachaidh is An Sgoil Mhanaidsearachd, a dh’innseas dè nì an t-oilthigh ionadail agad dhutsa – faodaidh tu pàirt a ghabhail sa chòmhradh phanail far an tèid againn air do chuideachadh le leasachadh na buidhne agad – bidh an tachartas seo freagarrach dhut ma tha thu san roinn phrìobhaidich, phoblaich no san treas roinn.
Cuideachd, gheibh thu cothrom coinneachadh ris na buidhnean a leanas a bheireadh taic leasachaidh don ghnìomhachas agad – agus iad uile an làthair san aon àite.
Business Gateway
Enterprise Europe
Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean
Interface
Chambers of Commerce Business Mentoring
Leasachadh Sgilean na h-Alba
Airson ÀITE AN ASGAIDH A GHLÈIDHEADH air na tachartasan seo nach lean thu na ceanglaichean iomchaidh no tadhail air www.uhi.ac.uk/letsdobusiness
___________________________________________________________
Prògram an latha:
Bho 4.00f. Expo Fiosrachadh Gnothachais – thig ann is bruidhinn ris na h-eòlaichean
5.30f. Còmhradh panail air cuspair an tachartais – faic na cuspairean gu h-ìosal
6.00f. Seisean cheistean cuide ris a’ phanal
6.30f. Biadh, ceanglaichean gnothachais is ceòl
Mholamaid gun glèidheadh tu àite cho luath’s a ghabhas – tha fiosrachadh iomlan an seo www.uhi.ac.uk/letsdobusiness
Nam bu toigh leat pàirt a ghabhail ann an seisean panail tro cho-labhairt-bhideo no am barrachd fiosrachaidh fhaighinn, nach cuir thu fios gu garyi.campbell@uhi.ac.uk
Na cunnartan aig bancaichean is iad a’ maoineachadh gnothachais
Ceann-latha: 12 Màrt 2014
Uair: 4.00f. – 7.00f
Àite: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba, IV44 8RQ
Tha sinn a’ cur fàilte is furan air fear-an-taighe againn, Cailean MacIllEathain.