Skip to content
SMO Generic Banner Image

Cùrsaichean Goirid a’ Chàisg 2011



Thàinig daoine bho air feadh an t-saoghail gu Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite an
t-seachdain-sa ag ionnsachadh na Gàidhlig air cùrsaichean goirid na Càisge.

Nam measg bha luchd-ionnsachaidh bhon Ukraine, bhon Phòlainn, na Stàitean Aonaichte agus Astràilia cuide ri oileanaich bho oilthigh Dhùn Èideann, Ghlaschu, Obar Dheathain agus Cambridge.  Tha còrr is 800 oileanach a’ tighinn air cùrsaichean goirid an t-Sabhail a h-uile bliadhna.