Skip to content
SMO Generic Banner Image

Dà chùrsa ùr a chuireas ri ath-bheothachadh na Gàidhlig is ath-nuadhachadh choimhearsnachdan



Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE gu bhith tabhann dà chùrsa ùr, CPD ann an Leasachadh Cànain is CPD ann an Leasachadh Coimhearsnachd, an ath-bhliadhna a bheir oideachadh is teisteanas do dhaoine a tha ri obair leasachaidh a thaobh na Gàidhlig agus ann an coimhearsnachdan. Bheir na cùrsaichean ùra feadhainn de na sgilean do dh’oileanaich a tha dhìth gus cur ri obair leasachaidh aig iomadach ìre agus ann an grunn diofar dhòighean.

Bidh an dà CPD (Cùrsaichean Leasachaidh Dreuchdail) air an lìbhrigeadh air astar agus bidh iad rim faotainn ann an Gàidhlig no Beurla. Bidh dà mhodal anns gach CPD agus iad sin stèidhichte air modalan a’ BhA (le Urram) Gàidhlig is Leasachadh. Bidh na cùrsaichean gu sònraichte freagarrach do dh’oifigearan leasachaidh Gàidhlig is daoine a tha an sàs ann an obair leasachaidh is ath-bheothachaidh na Gàidhlig, daoine a tha ri obair-leasachaidh ann an coimhearsnachdan, sna bailtean cho math ri air an dùthaich, far a bheil a’ Ghàidhlig na pàirt dhen obair sin, is do luchd-foghlaim. Bheir iad sgilean is eòlas feumail do dhaoine a thaobh phoileasaidhean, dhòighean-obrach, planadh is iomadh nì eile co-cheangailte ri leasachadh cànain is coimhearsnachd.

Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha leasachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd a’ sìor fhàs nas cudromaiche anns an raon phroifeiseanta, mar a tha e aithnichte ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17. Gheibh oileanaich air an dà CPD deagh thuigse air suidheachadh na Gàidhlig, suidheachadh coimhearsnachdan na Gàidhealtachd is nas fharsainge agus ionnsaichidh iad bho deagh-chleachdadh bho rannsachadh eadar-nàiseanta ann an ath-bheòthachadh mhion-chànanan agus choimhearsnachdan.

“Tha an luchd-obrach a bhios a’ teagasg nan cùrsaichean an sàs mar luchd-rannsachaidh agus luchd-cleachdaidh agus tha eòlas farsaing aca, chan e a mhàin ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam air astar, ach cuideachd a bhith ag obair  còmhla ri agus taobh a-staigh coimhearsnachdan Gàidhlig agus a bhith ag obair gu dlùth le buidhnean leasachaidh. ’S urrainn do dh’oileanaich an sgilean cànain a chleachdadh agus a leudachadh agus tha cothrom ann tuilleadh mothachaidh fhaighinn mu cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig ann an suidheachaidhean planadh agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha tuilleadh chothroman trèanaidh ann tron Cholaiste airson sgilean cànain adhartachadh agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean obrach.”

Leis a’ CPD ann an Leasachadh Cànain, gheibh oileanaich an cothrom ionnsachadh mu phoileasaidhean is planadh cànain is mar a tha iad ag obrachadh sa h-uile raon is aig a h-uile ìre – san teaghlach, sa choimhearsnachd, ann an gnìomhachasan, am buidhnean carthannais no saor-thoileach, agus aig diofar ìrean den riaghaltas bho ìre ionadail gu ìre eadar-nàiseanta.

Bheir an CPD ann an Leasachadh Coimhearsnachd cothrom do dhaoine ionnsachadh mu obair leasachaidh ann an coimhearsnachdan a tha cur ri neartachadh na Gàidhlig agus mun iomadh dòigh is suidheachadh sam faodadh sin tachairt – agus na leasachaidhean sin a’ buntainn ri coimhearsnachdan sa bhaile mhòr cho math ri coimhearsnachdan dùthchail. Agus chan ann dìreach mu dheidhinn teòraidh a tha an cùrsa, ionnsaichidh oileanaich sgilean pragtaigeach cuideachd.

Bidh prògram inntrigidh airson an dà CPD a’ tòiseachadh air 21 Faoilleach sa bhliadhn’ ùir, agus ma tha ùidh aig duine anns na cùrsaichean, feumaidh iad foirm-iarrtais a chur a-steach ro 7 Faoilleach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Gillian Rothach aig Sabhal Mòr Ostaig aig gm.smo@uhi.ac.uk no air 01471 888311.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578