
An cultar agus obair togail aig cridhe nan dachaighean ùra aig Sabhal Mòr Ostaig
Thèid obair togail air dà thaigh air prìs chothromach a thòiseachadh a dh’aithghearr aig Sabhal Mòr Ostaig tron Sgeama Rent to Buy aig Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd.
Tha Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd ag obair an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig airson dà thaigh seasmhach air prìs ìosal a sholarachadh air màl agus an uair sin airson ceannaich ri taobh na Colaiste anns a’ Chill Bhig, anns an Eilean Sgitheanach.’S e seo a’ chiad cheum an lùib leasachaidh nas fharsainge a tha a’ faighinn taic bho Riaghaltas na h-Alba, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Thathar an dùil gum faicear grunn chothroman taigheadais is coimeirsealta an lùib an sgeama anns na bliadhnaichean ri teachd a chuireas ri goireasan an ionaid agus anns an tèid coimhearsnachd bheothail is sheasmhach a chruthachadh.
Thuirt Dr. Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh is nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig: Tha sinn glè thoilichte a bhith ag obair cuide ri Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd airson a’ chiad dà thaigh seo air làrach ùr na Cille Bige a leasachadh agus tha sinn cuideachd toilichte gur e dà chompanaidh ionadail a ghabhas an obair os làimh. Tha eòlas dearbhte aig an Urras Taigheadais ann a bhith ag obair gu cùramach agus gu h-innleachdach ann an sgìrean air feadh na Gàidhealtachd far a bheil an eaconamaidh dhùthchail buailteach a bhith caochlaideach airson taigheadas a sholarachadh ann an dòigh a tha a’ freagairt air na tha a dhìth san sgìre.’S e seo an ath cheum, an dèidh coileanadh soirbheachail den chiad ìre de Leasachadh na Cille Bige, air slighe àraid a dh’ionnsaigh modal seasmhach de bhaile Gàidhealach san 21a linn a chruthachadh aig a bheil an cànan agus an cultar na chridhe. Bidh sinn ag obair gu cruthachail agus gu h-innleachdail airson an t-amas seo a choileanadh, tro phrìomh chom-pàirtichean airson cothroman taigheadais is gnìomhachais a thoirt gu buil anns an sgìre.
Tha an sgrùdadh air Easbhaidhean Taigheadais ann an Slèite air a bhith glè fheumail is i a’ sealltainn gu bheil …’taighean air prìsean cothromach a dhìth, cho math ri leasachaidhean air màl a chumas ceum ri leasachaidhean gnìomhachais san sgìre, a leithid Sabhal Mòr Ostaig, agus ris an àrdachadh ann an àireamh-sluaigh na sgìre a rèir a’ chunntais-sluaigh.’ A thuilleadh air a’ chiad ìre den obair taigheadais, tha Sabhal Mòr Ostaig an impis tòiseachadh air Sgrùdadh agus Plana Gnìomhachais stèidhichte air goireasan air a bheil cruaidh-fheum san sgìre a leithid Spòrs, Cur-seachadan is Slàinte, an lùib plana leasachaidh na Cille Bige.
Thuirt Ronnie MacRath, Àrd-oifigear, Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd:
“Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil sinn ag obair còmhla ri James MacQueen Builders Ltd. agus R.HOUSE a-rithist airson dachaighean air cosgaisean nas ìsle a bhios a’ caomhnadh cumhachd a thogail anns a’ Chill Bhig. Tha an sgeama Rent to Buy a’ toirt cothrom do dhaoine taigh fhaighinn air màl agus an uair sin a cheannach le taic suim airgid dìlseachd mu choinneimh na suim tèarainte ro mhorgaids a thaisg iad.
Tha fèill mhòr air a bhith air an sgeama agus tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh iasaid a dhearbhadh mu choinneimh 60 taigh, am measg grunn choimhearsnachdan airson trì bliadhna.
Tha an co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig na dheagh eisimpleir air ciamar as urrainn do chom-pàirtichean stèidhichte air coimhearsnachdan beaga buaidh mhath chudromach a dhèanamh a fhreagras ri gainnead thaighean ann an sgìrean dùthchail agus a bhrosnaicheas eaconamaidh na sgìre.”
Tha a’ chompanaidh togail ionadail, James MacQueen Builders Ltd., a tha ag obair còmhla ris na h-ailtirean Rural Design, air an cùmhnant a ghlèidheadh agus thèid an obair togail a thòiseachadh a dh’aithghearr. Thuirt neach-labhairt R.HOUSE, a tha na chom-pàirteachadh eadar James MacQueen Builders Ltd. agus Rural Design:
“Tha e fa-near do R.HOUSE dachaighean a thogail a tha deasaichte le ailtirean, a tha a’ caomhnadh cumhachd, a tha air prìs ìosal, a tha air an togail san sgìre agus a tha freagarrach don t-sìde air a’ Ghàidhealtachd. Bha sinn glè thoilichte a thighinn an sàs anns a’ phròiseact seo cuide ri Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, is sinn a’ solarachadh taigheadais air prìsean cothromach agus a’ cumail taic ri cultar na Gàidhlig san sgìre.”
Thuirt an Leas-phrìomh-mhinistear, Iain Swinney:
“‘S e naidheachd mhath dha-rìreabh a th’ ann gun tòisich an obair togail air na dachaighean ùra seo aig Sabhal Mòr Ostaig a dh’aithghearr.’S e seo ceum eile air slighe leasachaidh na Colaiste agus ath-bheothachadh eaconamaidh na sgìre. A thuilleadh air na taighean fhèin, thig iomadh buannachd dha cànan is foghlam, cho math ri sgilean is obraichean, an cois nan leasachaidhean seo.
Chòrd am fiosrachadh a chuala mi mun phròiseact rium nuair a bha mi aig a’ cholaiste as t-samhradh agus bu mhath leam luchd-obrach is urrasairean na colaiste a mholadh airson an cuid dealais is lèirsinn is iad a’ toirt nam planaichean seo gu buil.”
Fhuaireas taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a’ Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.