Skip to content
SMO Generic Banner Image

A’ dèanamh gàirdeachas ri 40 bliadhna de dh’eachdraidh agus soirbheachadh aig Dannsa an t-Sabhail



Thàinig iomadach duine le ceangal ris a’ Cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, bho shean agus san latha an-diugh cruinn còmhla Dihaoine sa chaidh (9 Samhain) gus comharrachadh mar a tha 40 bliadhna ann bho chaidh an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig a stèidheachadh.

Chaidh Dannsa an t-Sabhail agus sàr dhìnnear a chumail san Taigh-òsta Grosvenor ann an Glaschu, agus bha Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire an Fhoghlaim ann mar an t-aoigh urramach air an oidhche. Bha cothrom aig daoine cuimhneachadh air agus gàirdeachas a dhèanamh ri eachdraidh iongantach agus soirbheachadh na Colaiste, agus an t-adhartas a rinneadh bho chaidh a stèidheachadh an-toiseach san t-seann sabhal.

Bha Kirsteen NicDhòmhnaill bho BBC ALBA a’ cumail stiùir air gnothaichean mar bhean-an-taighe agus a bharrachd air òraid bho Mgr Ruiseal bha pailteas ciùil ri chluinntinn bhon chòmhlan aig Joy Dunlop, an sàr fhìdhlear Magaidh NicÀdhaimh agus an còmhlan cèilidh aig Iain MacIlleMhìcheil.

A’ bruidhinn às dèidh làimhe, thuirt Ministear an Fhoghlaim Mìcheal Ruiseal: “B’ e oidhche a bha seo far an robh sinn a’ dèanamh gàirdeachas. Ann an 1973, chuir Sir Iain Noble agus a chiad urrasairean na bha san amharc dhaibh airson Colaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach an cèill. Tha tòrr dhaoine air togail air an lèirsinn a bh’ aca bhon uair sin, agus bu chòir moladh a dhèanamh air gach neach a bh’ ann. Dà fhichead bliadhna bhon uair sin, tha sinn uile a’ faicinn nam buannachdan is toraidhean a thàinig às an lèirsinn sin, an dealas a nochdadh agus an t-saothair a rinneadh.

“Tha e air a bhith na urram dhòmhsa gu bheil dlùth cheangal air a bhith agam ris a’ Cholaiste thar iomadh bliadhna agus gun deach iarraidh orm bruidhinn aig tachartas a tha cho cudromach. ’S e sgeulachd iongantach a th’ ann an soirbheachadh Sabhal Mòr Ostaig, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri iomadach bliadhna eile far am bi a’ Cholaiste a’ soirbheachadh.”

A rèir Prionnsapal an t-Sabhail, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “ Bha e na thoileachas dhà-rìribh còrr math is dà cheud neach fhaicinn aig an dinnear Oidhche Shathairne a’ cur an cèill an spèis is an deagh-ghean dhan Cholaiste.  Bha mòran dhe na bha an làthair air a bhith dlùth cho-cheangailte gu pearsanta no gu proifeiseanta ris an t-Sabhal thairis air an 40mh bliadhna agus bha mòran a’ riochdachadh bhuidhnean is chompanaidhean is ionadan-foghlaim a tha an sàs leis a’ cholaiste anns am pròiseactan foghlaim, ealain is leasachadh sòisealta is eaconomaigich.

“Bha e iomchaidh gun robh Kirsteen NicDhòmhnaill agus Joy Dunlop, dithis a bha nan oileanaich aig an t-Sabhal, agus a tha nan tosgairean cho èifeachdach dhan Ghàidhlig, a’ gabhail pàirt sa chuirm agus bha e air leth freagarrach gur e Mìcheal Ruiseal, Ministear an Fhoghlaim agus Ball-Pàrlamaid Albannach Eàrra-Ghàidheil, a thug seachad na prìomh òraid bhon is e Earra Ghàidheal creathall na Gàidhlig an Alba agus gur ann dhan sgìre sin a bhuineadh neach-stèidheachaidh an t-Sabhail, an Ridire Iain Noble.”

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “Bha oidhche air leth againn còmhla ri ar caraidean agus luchd-taice, a tha air tòrr a dhèanamh thar nam bliadhnaichean gus cur ri soirbheachadh an t-Sabhail. Bha e gu math iomchaidh gun robh cruinneachadh mar seo againn, thoradh tha e a’ sealltainn cho cudromach agus a tha com-pàirteachasan cruthachail agus innleachdail do leasachaidhean, mar SMO, a thèid a thogail air stèidh sheasmhach, agus cho cudromach agus a tha an taic a tha sinn air fhaighinn bho iomadach duine agus buidheann. Tha Sabhal Mòr Ostaig glè fhortanach gu bheil luchd-taice agus luchd-compàirt againn mar a tha th’ againn agus chomharraich an oidhche sin ann an dòigh gu math freagarrach.”

Chaidh crannchar sònraichte a dhèanamh cuideachd air an oidhche, le duaisean air leth. Am measg nan duaisean a fhuair daoine bha, Lòn airson ceathrar còmhla ris a’ Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA agus tiogaidean do cheistean a’ Phrìomh Mhinisteir, Aoigheachd is tiogaidean do dhithis aig Pàirce Celtic, agus aoigheachd agus dìnnear aig feadhainn de na taighean-òsta as fheàrr air a’ Ghàidhealtachd leithid na Three Chimneys, Taigh-òsta Loidse Cheann Loch, Taigh-òsta Dhùisdeil, am Macdonald Aviemore Resort, an Taigh-òsta Bosville agus an Taigh-òsta Cuillin Hills ann am Port Rìgh, agus gu leòr eile.

Bha an Dannsa mar phàirt de shreath thachartasan a chaidh a chumail am-bliadhna gus 40mh ceann-bliadhna na colaiste a chomharrachadh, agus am measg nan cuirmean sònraichte a chaidh a chumail mu thràth bha Fàilteachadh aig Lùchairt Holyrood air aoigheachd Phrionnsa Theàrlaich agus  Fàilteachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578