Skip to content
SMO Generic Banner Image

Danny Alexander a’ Tadhal air a’ Cholaiste



Thadhail Danny Alexander BP, Àrd-Rùnaire an Ionmhais, air a’ Cholaiste air Diardaoin 1mh den Mhàrt. Bha e anns an eilean airson toiseach sgeama ùr a chomharrachadh aig Riaghaltas Westminster son prìs a’ chonnaidh a lùghdachadh. Choinnich Mgr Alexander ri stiùirichean na Colaiste agus ghabh e cuairt timcheall air togalach Fàs. Bha ùidh mhòr aige anns a’ bhuaidh eacanomaigich a th’ aig a’ Cholaiste air an sgìre agus planaichean leasachaidh an
t-Sabhail.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578