Skip to content
SMO Generic Banner Image

Dealbhadair tàlantach à Alba na Neach-ealain Lèirsinne ùr aig SMO



Tha an dealbhadair Albannach Alex Boyd gu bhith na Neach-ealain Lèirsinne ùr air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha Alex air ainm a dhèanamh dha fhèin o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha daoine air moladh mòr a dhèanamh air an obair aige, gu sònraichte na dealbhan a tha e air a thogail de thìr na h-Alba. ’S e am pròiseact as motha a tha e air a dhèanamh thuige seo, ‘Sonaidean’, far an robh e a’ togail dhealbhan de neach fa leth ann an feadhainn de na h-àiteachan as aithnichte agus as iomallaiche ann an Alba. Chaidh toraidhean a’ phròiseict sin a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta agus tha an cruinneachadh fiù ’s air  an neach-piàna clasaigeach is jazz, Mike Garson, a ghluasad gu òrain a sgrìobhadh stèidhichte air na dealbhan.

A’ bruidhinn air an naidheachd, thuirt Kath NicLeòid an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha sinn gu math toilichte fàilte a chur air Alex mar Neach-ealain Lèirsinne ùr na Colaiste. Tha an dreuchd air mhuinntireas seo aig Sabhal Mòr Ostaig air cothrom a thoirt do ghrunn luchd-ealain lèirsinne beachdachadh ann an doimhneachd air Gàidhlig, a cultar agus tìrean nan Gàidheal nan obair, agus bidh an cothrom sin a-nis aig Alex. Tha e gu math inntinneach mar a tha e a’ cleachdadh seann teicneòlas dealbhadaireachd agus e fhathast a’ cumail ri nòsan ealain ùra na obair, agus seo aig àm nuair a tha barrachd is barrachd dhaoine a’ cur teicneòlas didseatach an sàs.”

Tha an dreuchd Neach-ealain Lèirsinne na Colaiste mar phàirt de phrògram de dhreuchdan air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig. Cuideachd tha Sgrìobhadair, Ceòladair agus Neach-dràma Gàidhlig air mhuinntireas aig a’ cholaiste, agus tha am prògram a’ faighinn taic bhon sgeama Chinn-uidhe Chruthachail aig Alba Chruthachail agus taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Tha Alex Boyd a’ dol an àite Mhàiri Killin a tha air crìoch a chur air na sia mìosan aicese mar Neach-ealain Lèirsinne na Colaiste.

Thuirt Alex Boyd mun dreuchd ùir aige: “Tha mi a’ faireachdainn gu math fortanach gun d’fhuair mi an cothrom seo a bhith nam Neach-ealain Lèirsinne aig Sabhal Mòr Ostaig.’S ann san Eilean Sgitheanach a thòisich mi mar dhealbhadair o chionn cha mhòr deich bliadhna, agus tha e a’ ciallachadh tòrr dhomh gu bheil mi a’ faighinn cothrom tilleadh an seo gus obair air dealbhan ùra. Gheibh mi cothrom cànan an àite far am bi ag obair ionnsachadh, agus bheir sinn sealladh ùr dhomh chan ann a-mhàin air Alba, ach air na daoine a tha fuireach ann.

“Tha mi an dòchas obair còmhla ri coimhearsnachdan san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar, a’ dèanamh clàr-dhealbhan a bhuineas ris an tìr agus na daoine a tha fuireach san tìr sin. Bidh mi a’ cleachdadh a’ phròiseas dealbhadaireachd,’leacan-fliuch collodion’, seann dòigh gus ìomhaighean a chruthachadh a thòisich iad air sna 1850an. Feumaidh tu a bhith comasach air obair le ceimigean, glaine, airgead agus feumaidh tòrr foighidinn a bhith agad!

“Tha mi an dòchas gum bi an t-àm agam aig Sabhal Mòr Ostaig mar phàirt de phròiseact nas motha far am bi mi a’ dèanamh cunntas air saoghal nan Gàidheal, Gàidhealtachdan na h-Èireann agus na h-Alba, pròiseact a thòisich mi sa Chèitean 2012 nuair a bha mi ann an dreuchd air mhuinntireas ann an Contae Mhaigh Eo ann am Poblachd na h-Èireann.”

Tha Alex air grunn dhuaisean a ghleidheadh airson nan dealbhan aige. Fhuair e Duais Mhic an Deòir ann an 2010, Duais Maoin Ealain na h-Alba, an Duais Toscana, Duais Morton airson Obair le Lens bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba ann an 2011, fhuair e an duais airgid ann an Duaisean Ealain an Ath-bheothachaidh 2010, agus ghlèidh e Duais na Rìoghachd Aonaichte airson Accademia Apulia ann an 2011. Bha e cuideachd air a’ gheàrr-liosta airson na duaise airson Dealbhadair ‘Mac-meanmnach’ an Aonaidh Eòrpaich 2009. Tha e cuideachd na neach-deasachaidh air an iris ‘Scottish Photography Magazine’. Chaidh an obair aige cuideachd a mholadh ann an dà ghluasad Pàrlamaid fa leth. Mairidh an dreuchd aige aig Sabhal Mòr Ostaig fad sia mìosan.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578