Skip to content
SMO Generic Banner Image

Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite a’ dol gu bana-bhàrd Ameireaganach



B’ i bana-bhàrd Ameireaganach, Deborah Moffat, a bhuannaich a’ chiad duais ann am farpais bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite na bliadhna seo. Chaidh an fharpais a tha air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air an nighinn aige, Deborah, a chaochail a’ bhòn-uiridh.

Rugadh Deborah Moffatt ann am Vermont anns na Stàitean Aonaichte, agus thàinig i a dh’Alba ann an 1982.  Tha i a’ fuireach a-nis ann an Kingsbarns ann am Fiobha.  Tha a bàrdachd ann am Beurla air fhoillseachadh ann an iomadh iris litreachais leithid  Agenda, Cyphers, Stand agus The Warwick Review.  

Thòisich i a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig ann an 2013, as dèidh dhi a bhith ag ionnsachadh na canain airson naoi bliadhna.  Choisinn i Duais Baile na h-Ùige ann an 2015 leis an dàn, “Lilidh sa Mhachair”, agus ann an 2016 leis an dàn, “Clann na Coille”, agus chaidh a bàrdachd sa Ghàidhlig fhoillseachadh ann an Northwords Now, Causeway/Cabhsair, Southlight, agus Poblachd nam Bàrd.  

Nochd an cruinneachadh bàrdachd aice, “Far From Home,” (Lapwing, Beul Feirste) ann an 2004, agus tha i ag obair a-nis air dà chruinneachadh ùr, fear ann am Beurla agus fear eile anns a’ Ghàidhlig. 

Thuirt aon de na britheamhan air an fharpais, Mark Wringe: “Chaidh gach dàn air ar beulaibh ‘gun urra’, is air an dòigh seo bha na sgrìobhaichean uile ‘ùr’ dhuinn.  Ach bha tarraing air leth ùr ann an An Seudar ’s an Giuthas a ghlac ar mac-meanmna.  Tha an dà chuid aonachd is ioma-sgaradh san dàn seo.  Tha an dualchas Iùdhach a tha mar bhonn dhan dàn aig a’ cheart àm ùr-nodha ann an Gàidhlig, ach air aithne dhuinn tron dualchas choitcheann chultarra a tha eadarainn.  Tha sinn a’ cur fàilte is furan air a’ ghuth ùr seo, agus tha sinn ag iarraidh tuilleadh”

Chaidh an duais a thoirt seachad le Sir Iain MacDhòmhnaill aig Ionad Chlann Dhòmhnaill Disathairne 24 Sultain. Thuirt Sir Iain : “Tha e math gun deach barrachd dhàn an cur a-steach airson na farpais am-bliadhna agus ‘s e fìor thoileachas at th’ ann gur e ban-Ameireaganach a bhuannaich.  Còrdaidh sin gu mòr ri Clann Dòmhnaill san Staitean.”

Anns an dealbh chithear Deborah Moffat a’ faighinn a duais bhon Ridire Iain MacDhòmhnaill, Cathraiche, Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill. Cuideachd san dealbh (clì gu deas) tha aon dhe na britheamhan, Mark Wringe, Àrd-Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig agus Jan Wallwork Clarke, Ceannard Chlann Dòmhnaill an Eilein Sgitheanaich.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578