Skip to content
SMO Generic Banner Image

Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite 2018



B’ e Torcuil MacLeòid a bhuannaich farpais bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite am-bliadhna.  ‘S ann à sgìre nan Loch ann an Leòdhas a tha Torcuil, ach e an-diugh a’ fuireach ann an Steòrnabhagh.

Chaidh an fharpais, a tha air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig, a stèidheachadh leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air an nighinn aige, Deborah, a dh’eug aig aois glè òg.

’S e cuspair co-cheangailte ri craobhan a tha aig an fharpais gach bliadhna agus b’ e cuspair na bliadhna seo, Freumhan no Freumhaichean. ’S e An Ròs Fiadhaich a thug Torcuil air an dàn, a chaidh a thagh leis na britheamhan, an t-Oll. Meg Bateman agus Màiri Sìne Chaimbeul.

Thuirt Torcuil: “Thug a bhith buannachadh an fharpais seo misneachd agus toileachas mòr dhomh.  Bha mi air a’ bhàrdachd a sgrìobhadh is mi air turas ann an Steimreabhagh, far na thogadh mo mhàthair.”

Chaidh an duais a thoirt do Thorcuil aig cruinneachadh aig Caisteal Armadail Disathairne 29mh Sultain. Thuirt Sir Iain : “Tha mi air leth moiteil an duais seo a thoirt seachad mar Chathraiche Bhòrd nan Urrasairean air Urras Oighreachd Chlann Dòmhnaill.  Tha an t-Urras gu mòr airson taic a chumail ri agus a bhith brosnachadh dualchas na Gàidhlig, an dà chuid tron taigh-tasgaidh agus tro na prògraman ciùil is cultarail againn.  Meal-a-naidheachd air buannaiche na bliadhna sa agus ‘s math gu bheil an fharpais a’ dol bho neart gu neart.”

A’ bruidhinn às leth an t-Sabhail Mhòir, thuirt an t-Oll. Bateman:  “Tha ‘An Ròs Fiadhaich’ air a chur ri chèile gu sgileil, coltach ri òran le meadaireachd thraidiseanta agus e a’ cleachdadh an fhreumha mar ìomhaigh air rudeigin aosta às an tig ùr-fhàs agus sòlas. Dùsgaidh an dàn faireachdainn làidir mu bhaile fàsail ann an Leòdhas às an robh sinnsireachd a’ bhàird.  Tha ròs brèagha a’ fàs ann a chuireas bòidhchead air an àite agus fàilte air an aoigh, ged nach eil duine a’ fuireach tuilleadh ann. Mar an ròs, tha freumhan a’ bhàird stèidhichte sa bhaile agus fairichidh e gu bheil ceangal aige fhathast ris a’ choimhearsnachd a bha ann ged a chaidh na daoine sgapadh air feadh an t-saoghail. Tha e math gu bheil a’ cho-fharpais a’ brosnachadh dhaoine ri sgrìobhadh agus tha sinn airson taing a thoirt do gach duine a ghabh pàirt innte.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578