Duais Chliùiteach airson Iar-Phrionnsapal an t-Sabhail
Chaidh an t-seirbheis aig Iain Tormod MacLeòid do dh’ fhoghlam Gàidhlig aithneachadh le Duais Coileanaidh Fad Beatha aig cuirm Dhuaisean Foghlam Àrd-Ìre an Herald ann an Glaschu o chionn ghoirid. Aig an tachartas a tha air a ruith ann an co-bhann le Oilthigh Taobh Siar na h-Alba agus aig an robh an craoladair, Sally Magnusson, sa chathair, thug Prionnsapal Colaiste Baile Ghlaschu, Paul Little, seachad an òraid luaidh agus an duais. Na òraid, thuirt Paul Little mu Iain Tormod: ‘Tha e air a bhith ag obair ann am foghlam barrachd is 35 bliadhna. Tha e air cur gu mòr ri leasachadh foghlam leantainneach agus àrd-fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an t-ainm aige mar aon ri Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig suidhichte san Eilean Sgitheanach. Mus deach a chur na dhreuchd, cha robh ann an SMO ach colaiste neo-eisimeileach a bha a’ tathann chùrsaichean goirid ràitheil sa chànan agus sa chultar. An-diugh tha i a’ tairgse còig cheumannan urraim agus chùrsaichean iar-cheumnach. Tha e eu-coltach gum biodh Sabhal Mòr Ostaig aig an ìre a tha e an-diugh mura b’ e am mòr-mhiann, an lèirsinn, an dealas agus an diongmhaltas aig Iain Tormod MacLeòid.
Chuir Prionnsapal SMO, an t-Ollamh Boyd Robasdan an cèill a thoileachas leis an duais: ‘ ’S e aithneachadh uile gu lèir iomchaidh is airidh a tha seo air an obair àibheiseach a tha Iain Tormod air a dhèanamh airson foghlam Gàidhlig agus ann an leasachadh SMO mar shàr ionad nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus mar phàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Iain Tormod air a bhith a’ stiùireadh leasachadh curraicealam bho 1983 agus tha e air clàr acadamaigeach a chruthachadh a tha dol bho chùrsaichean airson fìor luchd-ionnsachaidh gu sreath de phrògraman airson fo-cheumnaich is iar-cheumnaich gu ceumanann PhD sa chànan. Is esan a’ bhunait air an deach inbhe sgoilearachd na Colaiste a thogail agus tha meas mòr air, agus deagh spèis aig daoine dha, ann an saoghal an fhoghlaim air feadh, agus thar, chriochan na h-Alba.’