
Leabhar mu theaghlach ceòlmhor Neach-ciùil na Colaiste a’ gleidheadh duais Leabhar na Bliadhna aig a’ Mhòd
Chaidh an leabhar mun teaghlach chiùil iomraiteach, Caimbeulaich a’ Ghnìoba, ainmeachadh mar Leabhar Gàidhlig na Bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig. Tha ‘Fonn: The Campbells of Greepe’ a’ toirt inneas air eachdraidh, sgìre agus ceòl an teaghlaich aig an Neach-ciùil air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, Màiri Anna NicUalraig.
Tha an leabhar a’ toirt dhuinn sgeulachd nan Caimbeulach a bhuineas don Ghnìoba san Eilean Sgitheanach, teaghlach a tha air a bhith gleidheadh beul-aithris agus òrain nan Gàidheal fad iomadh ginealach, agus teaghlach le luchd-seinn Gàidhlig air leth a tha air soirbheachadh gu mòr aig a’ Mhòd agus ann an iomadh raon eile. Tha seachdnar den teaghlach air am Bonn Òr a bhuannachadh aig a’ Mhòd thar nam bliadhnaichean agus tha triùir dhiubh sin air am Bonn Òr agus Bonn Òr an t-Seann Nòis a bhuinig.
Tha an leabhar stèidhichte air agallamhan a rinn an craoladair Mòrag Stiùbhart, agus a tha na h-òraidiche aig SMO, còmhla ris an teaghlach, agus tha e sgeadaichte le dealbhan, mapaichean, craobh-teaghlaich, aithrisean naidheachd agus gu leòr eile. ’S ann dà-chànanach a tha an leabhar agus tha CD a’ tighinn na chois air a bheil seann chlàraidhean de bhuill den teaghlach agus iad a’ gabhail òrain, agus cuid de na clàraidhean am measg na feadhna a rinn Sgoil Eòlais na h-Alba sna 1950an.
A’ bruidhinn air an duais, thuirt Màiri Anna NicUalraig: “’S e urram air leth a tha seo dhan teaghlach agus ar cuid ciùil, ach cuideachd dhan choimhearsnachd gu lèir ann an sgìre Ròdhag a bha sinn ag amas air a riochdachadh tron leabhar – cha robh ar cuid òran beò às an aonais. Agus tha an obair a’ leantainn – chaidh an obair air an dàrna clàr aig na Caimbeulaich, a thig a-mach sa Bhliadhn’ Ùir, a thòiseachadh aig an t-Sabhal mar phàirt dhen bhliadhna agam air mhuinntireas, agus tha buaidh a’ chothruim sin ri chluinntinn sa cheòl. Tha sinn ro thoilichte an ceangal sin a bhith ann eadarainn.”
Thuirt Donaidh Rothach, an Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “Tha Bòrd Stiùiridh agus luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte leis mar a chaidh an t-urram seo a bhuileachadh air Màiri Anna agus a teaghlach. Tha iad air saothair mhòr a dhèanamh ann a bhith toirt dhuinn leabhar iongantach a tha na ghoireas mìorbhaileach agus na stòras sònraichte de dh’òrain is beul-aithris. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn, gum b’ urrainn do Mhàiri Anna, fhad ’s bha i a’ cur seachad ùine air leth torrach còmhla rinn mar Neach-ciùil air Mhuinntireas, cumail oirre le a h-obair is an rannsachadh aice mar neach-ciùil, riochdaire agus neach-cruinneachaidh. Mar thoradh air sin, thèid clàr eile de cheòl fhoillseachadh le Caimbeulaich a’ Ghnìoba, teaghlach aig a bheil àite sònraichte ann an eachdraidh òrain nan Gàidheal.”
Chaidh an duais ainmeachadh mar phàirt den Latha Litreachais aig a’ Mhòd agus chaidh an leabhar fhoillseachadh le Acair Earranta. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun leabhar tadhlaibh air http://www.acairbooks.com