Skip to content
SMO Generic Banner Image

Neach-rannsachaidh bho Sabhal Mòr Ostaig a’ gleidheadh duais nàiseanta leis a’ chiad leabhar aige



Tha Tim Armstrong, a tha na neach-rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus a bhuineas do Seattle bho thùs, air an duais, a’ chiad leabhar Albannach as fheàrr aig Comann Bratach na Croise, a ghleidheadh leis an leabhar aige, Air Cuan Dubh Drilseach, a’ chiad nobhail ficsean-saidheans do dh’inbhich ann an Gàidhlig.

Chaidh an duais a thoirt seachad aig cuirm ann an Glaschu oidhche Dhiardaoin (14 Samhain) agus chaidh an duais airson a’ chiad leabhar Albannach as fheàrr a bhuileachadh air dà leabhar, an leabhar aig Tim agus an leabhar de sgeulachdan goirid aig Eunice Bhochanan, As Far As I Can See.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha saoghal na Gàidhlig air leth fortanach gu bheil daoine cho tàlantach ri Tim air an tarraing gu ar cànan is ar cultar agus a’ cur riutha  ann an dòighean cho èifeachdach tro obair rannsachaidh mar phàirt de phròiseict Shoillse is tro a chomasan sgrìobhaidh a tha nis air an aithneachadh aig ìre nàiseanta. Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr air leth toilichte gun deach an t-urram seo a bhuileachadh air Tim.”

Tha an nobhail aig Tim a’ togail air a sgeulachd ghoirid, ‘Luathas teichidh’, a nochd sa chruinneachadh Saorsa, foillsichte le CLÀR/Ùr-Sgeul ann an 2011. San nobhail ùr aige gheibhear tomhas math de àbhachdas is spòrs, ach tha i cuideachd a’ togail cheistean mòra: mu bheusan, mu phoilitigs agus mu theicneòlas, agus aig deireadh na cùise, ceistean mu nàdar a’ chinne daonna fhèin – cò sinne agus dè a bhios an dàn dhuinn sna linntean ri teachd?

A’ bruidhinn às dèidh nan duaisean, thuirt Tim: “Saoilidh mi gu bheil ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig deatamach. Tha teicneòlas ag atharrachadh an t-saoghail sa bheil sinn beò an-dràsta, agus an t-atharrachadh sin a’ tighinn oirnn gu cianail luath, agus tha e ag atharrachadh nàdar a’ chinne-daonna fhèin. ’S ann ann am ficsean-saidheans a thèid an saoghal ùr romhainn a dhealbhadh agus a dheasbad agus feumaidh litreachas na Gàidhlig a bhith an sàs anns a’ chòmhradh sin.”

A thuilleadh air an leabhar aig Tim, fhuair leabhar Gàidhlig eile aithne air na geàrr-liostaichean aig Comann Bratach na Croise agus an leabhar ùr, Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile, le Donnchadh MacGillIosa air ainmeachadh air an liosta airson Leabhar Albannach na Bliadhna. ’S e an leabhar aig am bàrd iomraiteach John Burnside, Something Like Happy, a ghlèidh an duais Leabhar na Bliadhna. Tha an leabhar aig MacGillIosa a’ nochdadh bho CLÀR fo bhratach Ùr-Sgeul, an sgeama soirbheachail a stèidhich John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha an dà leabhar seo a nochd air na geàrr-liostaichean a’ ciallachadh gu bheil ochd leabhraichean ficsean foillsichte le CLÀR air àite a ghleidheadh air geàrr-liostaichean airson Duaisean Litreachais Comann Bratach na Croise thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. 

Thuirt Lisa Storey bho CHLÀR: “Tha CLÀR air leth toilichte gun d’ fhuair leabhar ealanta Tim aithneachadh ann an leithid de rud ri duaisean Saltire. Tha e cudromach gum bi seòrsachan litreachais ùr leithid ficsean saidheans a’ nochdadh ann an Gàidhlig. Agus nach eil e sònraichte gun d’ fhuair Donnchadh MacGillÌosa – fear a tha a’ toirt dhuinn, san sgrìobhadh aigesan, cainnt bheairteach Nis – aithneachadh cuideachd sna duaisean seo.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578