Skip to content
SMO Generic Banner Image

Leabhar le neach-rannsachaidh bhon t-Sabhal Mhòr air geàrr-liosta Comann Bratach na Croise



Tha leabhar a sgrìobh neach-rannsachaidh bho Sabhal Mòr Ostaig air a’ gheàrr-liosta airson na duaise, a’ chiad leabhar Albannach as fheàrr, aig Comann Bratach na Croise. Tha Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong air fhoillseachadh le CLÀR, agus ’s e a’ chiad nobhail ficsean-saidheans do dh’inbhich ann an Gàidhlig.

’S ann airson a’ chiad leabhar aig sgrìobhadairean ùra a tha an duais, agus ’s e Tim an aon ùghdar Gàidhlig a chaidh a thaghadh airson na liosta. Còmhla ris air an liosta tha, Malcolm MacAoidh le The Necessary Death of Lewis Winter, Eunice Bhochanan le As Far As I Can See, Vicky Jarrett le Nothing is Heavy agus Kellan MacAonghais le Caleb’s List.

Tha an nobhail aig Tim a’ togail air a sgeulachd ghoirid, ‘Luathas teichidh’, a nochd sa chruinneachadh Saorsa, foillsichte le CLÀR/Ùr-Sgeul ann an 2011. San nobhail ùr aige gheibhear tomhas math de àbhachdas is spòrs, ach tha i cuideachd a’ togail cheistean mòra: mu bheusan, mu phoilitigs agus mu theicneòlas, agus aig deireadh na cùise, ceistean mu nàdar a’ chinne daonna fhèin – cò sinne agus dè a bhios an dàn dhuinn sna linntean ri teachd?

A’ bruidhinn air an naidheachd, thuirt Tim: “’S e comharra a th’ ann air an sàr obair a tha Sabhal Mòr Ostaig a’ dèanamh airson na Gàidhlig gu bheil iomadh ùghdar againn a-nis, cuid le Gàidhlig o thùs agus cuid eile mar mi fhìn a dh’ionnsaich i mar inbheach, a thàinig dhan Cholaiste, agus an uair sin, a tha a’ sgrìobhadh agus a’ foillseachadh gu soirbheachail anns a’ chànan.”

A thuilleadh air an leabhar aig Tim, fhuair leabhar Gàidhlig eile aithne air na geàrr-liostaichean aig Comann Bratach na Croise agus an leabhar ùr, Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile, le Donnchadh MacGillIosa air ainmeachadh air an liosta airson Leabhar Albannach na Bliadhna. Tha an leabhar aig MacGillIosa a’ nochdadh bho CLÀR fo bhratach Ùr-Sgeul, an sgeama soirbheachail a stèidhich John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha an dà leabhar seo a’ ciallachadh gu bheil ochd leabhraichean ficsean foillsichte le CLÀR air àite a ghleidheadh air geàrr-liostaichean airson Duaisean Litreachais Comann Bratach na Croise thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. 

Thuirt Lisa Storey à CLÀR: “Chan eil seo dìreach mun fhoillsichear: tha e a’ sealltainn cho làidir ’s a tha ficsean Gàidhlig san lath’ an-diugh. Tha sinne air leth toilichte gu bheil na sgrìobhadairean tàlantach seo a’ faighinn an urram air a bheil iad airidh.”

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig cuirm ann an Leabharlann Mitchell ann an Glaschu air 14 Samhain.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578