Skip to content
SMO Generic Banner Image

Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do Dhuaisean Gàidhlig Nàiseanta



Tha Bòrd na Gàidhlig air compàirteachas ùr fhoillseachadh eadar iad fhèin is Media Scotland, a’ bhuidheann fhoillseachaidh as motha ann an Alba, gus sreath de dhuaisean a chur air bhonn a bheir aithne phoblach air soirbheachadh ann an iomadh raon de chànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba.

Bidh Duaisean Gàidhlig na h-Alba ag aithneachadh sàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar nan Gàidheal, agus iad a’ dèanamh follaiseach na h-obrach a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Le bhith cur air bhonn Duaisean Gàidhlig na h-Alba, tha sinn a’ stèidheachadh iomairt a bheir misneachd do dhaoine agus a bheir aithne phoblach dhan obair chruaidh, an dìcheall agus an dealas a chì sinn bho na daoine a tha an sàs ann a bhith leasachadh agus a’ gleidheadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann an Alba ach air feadh an t-saoghail. Cha bhi na duaisean dìreach a’ toirt aithne dha mar a tha daoine a’ soirbheachadh; bidh iad cuideachd ag aithneachadh nan neartan eile th’ aig daoine: na comasan a th’ aca, an strì a nì iad, an spàirn a nì iad, agus gu sònraichte an sàr obair a nì iad. Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Media Scotland air a’ phròiseact seo, oir tha sinn air a bhith ag obair ann am compàirt leotha fad dà bhliadhna ron seo mu thràth le Duaisean Foghlaim na h-Alba. Tha sinn fìor thoilichte gu bheil iad a’ tuigsinn agus ag aithneachadh cho cudromach agus a tha e gun comharraich sinn na diofar dhòighean a bhios daoine a’ cur ri cànan is cultar na Gàidhlig.”

A’ tòiseachadh an-diugh (Diluain 26 Lùnastal), faodaidh daoine molaidhean a chur a-steach airson nan duaisean, le 10 diofar sheòrsachan dhuaisean ann. Faodaidh daoine moladh a chur a-steach air an làrach-lìn a chaidh a chruthachadh a dh’aona-ghnothach airson an sgeama.

Thèid na duaisean a thoirt seachad air Diciadain 20 Samhain sna Lus-ghàrraidhean Rìoghail ann an Dùn Èideann. Bidh cuirm ann far an tèid ceòl is iomadh seòrsa ealain eile a thaisbeanadh, an dà chuid nuadh agus dualchasach, mar phàirt den oidhche.

Thuirt am Ministear airson Cànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan: “Tha na duaisean seo, agus na h-iomadh seòrsa duaise, ag aithneachadh cho chudromach agus a tha a’ Ghàidhlig ann an Alba an latha an-diugh. Tha iad a’ toirt cothrom dhuinn gàirdeachas a dhèanamh ri daoine air feadh na dùthcha, bho gach raon is roinn, a tha, chan e a-mhàin nan tosgairean airson a’ chànain, ach cuideachd tha iad a’ brosnachadh dhaoine eile gu bhith ga h-ionnsachadh. Bu toil leam meal-a-naidheachd a chur air a’ Bhòrd agus an Daily Record airson an obair chruaidh a rinn iad ann a bhith cur air chois na duaisean Gàidhlig ùra seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith cluinntinn mun iomadh duine is buidheann thoillteanach a thèid a mholadh airson duais.”

A’ cur fàilte air a’ chompàirteachas, thuirt Ailean Rennie, Prìomh Neach-deasachaidh an Daily Record: “Tha e na adhbhar moit don Daily Record gu bheil sinn gu bhith an sàs anns a’ chiad Dhuaisean Gàidhlig na h-Alba. Chan eil Gàidhlig agam fhìn, ach tha sinn a’ faireachdainn gu bheil e cudromach gun toir an dùthaich againn aithne phoblach don Ghàidhlig agus an iomadh dòigh sa bheil i a’ cur ri ar cultar, dualchas agus na h-iomadh ceann-uidhe a tha romhainn. Tha mi a’ coimhead air adhart ris an oidhche.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578