Skip to content
SMO Generic Banner Image

Filmeadairean às Sabhal Mòr Ostaig ag amas air duaisean Nàiseanta Film Goirid



Tha FilmG, Farpais Filmichean Goirid Gàidhlig MG ALBA, air geàrr-liosta farpais na bliadhna-sa fhoillseachadh agus tha oileanaich bho Sabhal Mòr Ostaig air a’ chùis a dhèanamh air a’ gheàrr-liosta.

Bhrosnaich cuspair na bliadhna-sa “Rùn” beachdan ùra inntinneach, rud a rinn obair nam britheamhan air leth doirbh. Air pannal nam britheamhan bha luchd-proifeasanta bho BhBC ALBA agus a’ ghnìomhachas, nam measg Derek Mac an Tòisich agus tè a bhuannaich a cheana, Elly Welsh.

Thuirt Elly: “Bha e fìor mhath a bhith air pannal nam britheamhan am bliadhna-sa. Às dèidh dhomh fhìn a bhith an sàs san fharpais a cheana tha mi a’ tuigsinn cho fìor chudromach sa tha e a bhith a’ brosnachadh dhaoine agus a’ sireadh tàlant às ùr. Agus bha gu leòr den sin ann am bliadhna. Tha gach film a ràinig ìre geàrr-liosta aig ìre glè mhath agus mholainn-sa dhan a h-uile duine a dhol gan coimhead.”

Tha oileanaich à Sabhal Mòr Ostaig air a bhith trang le trì de na filmichean air a’ chùis a dhèanamh air geàrr-liosta na bliadhna-sa. B’ iadsan Sophie Stephenson a rinn am film ‘Eadarainn’ a tha sealltainn mar a tha cànan, cultar agus ceòl a’ snìomh ri chèile. Rinn seo a’ chùis air a’ gheàrr-liosta airson Bhidio Ciùil as Fheàrr. Air a’ gheàrr-liosta airson Film Oileanach as Fheàrr agus Film Dràma as Fheàrr bha Alison Nic an Tòisich airson am film aice-se  ‘Da thaobh’, film beag èibhinn mu dhithis a tha a’ dol a dh’fhaighinn comhairle-càraid. Cuideachd air a’ gheàrr-liosta airson Film Oileanach as Fheàrr agus Duais Cuspair FilmG tha Karen NicCoinnich leis am film aice ‘Seachd Latha den Ghaol ‘Òg’, film beag àlainn mu bhalach òg a tha a’ fàgail phrèasantan do ghaol a chridhe.

Tha na filmichean uile rim faicinn air loidhne air ‘Làrach Lìon FilmG’ ’. Thèid an fheadhainn a bha soirbheachail an ainmeachadh aig Cuirm Dhuaisean FilmG a ghabhas àite aig an t-seann Fruitmarket ann an Glaschu air Dihaoine 14 Màirt. Cumaibh cluais ri claisneachd airson fios a bharrachd mu thiceadan.

A’ cumail ceòl ri luchd-amhairc nan duaisean am bliadhna bidh ‘Seo Linn’, còmhlan òg à Èirinn a choisinn cliù dhaibh pèin an uiridh nuair a thug iad fhèin is sgoilearan à Coláiste Lurgan an dreach fhèin air an òran aig Avicci ‘Wake Me up’. Fhuair e còrr math is 3 million sealladh air Youtube a bharrachd air ùidh ann an Gàidhlig a bhrosnachadh a-measg dheugairean ann an Èirinn agus gu h-eadar nàiseanta.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578