Skip to content
SMO Generic Banner Image

Dùbhlanan agus Dòchas: Dà Leabhar Ùr a’ Sealltainn an Rathaid air Adhart do dh’iomairt na Gàidhlig



Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte mhòr air dà leabhar chudromach a chuireadh an clò o chionn ghoirid: Gaelic in Scotland: Policies, Movements and Ideologies, leis an Àrd-Ollamh Wilson McLeod aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus The Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic, leis an Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin agus a sgioba aig SOILLSE. Tha an dà leabhar seo ri chèile a’ toirt dealbh dhuinn air na dùbhlanan mòra a tha ro iomairt na Gàidhlig an-dràsta, ach cuideachd, a’ toirt sealladh air an rathad air adhart againn agus mar a chuireas sinn feabhas air cor na Gàidhlig air feadh na dùthcha anns an àm ri teachd.

Tha an leabhar aig Ó Giollagáin agus a sgioba a’ cur na prosbaige air staid ar cànain anns na coimhearsnachdan Gàidhlig as treasa againn anns na h-eileanan. A’ togail agus a’ leudachadh air an rannsachadh a rinneadh ann an Siabost ann an Leòdhas le Gillian Rothach agus a sgioba aig Sabhal Mòr Ostaig, sgrùd sgioba Shoillse cor na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar, ann an Tiriodh agus ann an Stafainn anns an Eilean Sgitheanach. Tha an leabhar a’  toirt dhuinn rannsachadh cho farsaing is a tha air a bhith againn riamh air suidheachadh na Gàidhlig sna h-eileanan. Sheall iad gu bheil a’ Ghàidhlig ann an èiginn mar chànan coimhearsnachd anns na sgìrean seo. Shealladh gu bheil cleachdadh na Gàidhlig gu sònraichte lag am measg cloinne agus dheugairean, agus mholadh, gun oidhirp làidir, nach mair a’ Ghàidhlig fada mar chànan coimhearsnachd anns na h-eileanan.

Tha an leabhar aig McLeod na eachdraidh air iomairt na Gàidhlig bho 1872, suas chun an latha an-diugh, agus e bonntaichte air rannsachadh a rinn e ann an tasglannan, cho math ri agallamhan le iomairtichean agus luchd-poileasaidh a bha an sàs gu dìreach ann an diofar iomairtean bho linn gu linn. Cothromach agus stuama, tha an eachdraidh aig McLeod a’ sealltainn mar a thàinig buidhnean de dh’iomairtichean ri chèile tro na bliadhnaichean, is iad gan eagrachadh fhèin, a’ coiteachadh luchd-poileataics, agus a’ cosnadh inbhe agus taic ùr dhan Gàidhlig. Bha mòran dhe na buidhnean seo gu math beag, ach a dh’aindeoin sin, tha a’ Ghàidhlig a-nis ann an suidheachadh fada nas fhàbharaiche na bha i, mar thoradh air an t-saothair a rinn iad.

Mar sin, ged a tha e soilleir bhon rannsachadh aig Ó Giollagáin agus a sgioba gu bheil sinn a’ cur aghaidh ri dùbhlanan mòra an-dràsta, tha an rannsachadh aig McLeod a’ sealltainn mar a rinn iomairt na Gàidhlig mòran adhartais anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha mìltean de dhaoine an-diugh eòlach air a’ Ghàidhlig, agus ga cleachdadh, nach biodh eòlach oirre fhathast mura b’ e na leasachaidhean mòra a rinneadh san dà fhichead bliadhna mu dheireadh. Mar sin, bu chòir dòchas a bhith againn. Ged a thig atharrachadh air saoghal na Gàidhlig, tha an rannsachadh seo a’ daingeachadh, le iomairt làidir bho bhonn a-nìos, gum bi e fhathast nar comas a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh, mar chànan a bhruidhneas daoine, dha na ginealaichean a thig nar dèidh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578