Farpais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite 2019
Thèid an còigeamh farpais bàrdachd Gàidhlig airson Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite a chumail am-bliadhna. Chaidh an fharpais a chur air chois leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’ eug aig aois glè òg. Tha an fharpais air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus air eagrachadh ann an co-bhann le Caisteal Armadail, Na Gàrraidhean agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, le taic bho Urras Chlann Dòmhnaill.
‘S e bàrdachd air cuspair co-cheangailte ri craobhan a thathar a’ sireadh agus am bliadhna thathar a’ toirt fiathachadh do neach sam bith a bhios ri bàrdachd no aig am biodh ùidh na leithid dàn a sgrìobhadh air a’ chuspair, Craobh nan Ubhal. Thèid na dàin am meas le pannal de luchd-litreachais agus bidh duais de £500 air a thoirt seachad airson an dàin a thèid a thaghadh leis a’ phannal. Feumaidh dàin a bhith air an cur gu Cairistìona NicCoinnich, Rùnaire a’ Phrionnsapail, aig an t-seòladh post-d a leanas ro 31mh Iuchar: runaire@smo.uhi.ac.uk agus cuimhnichibh nach urrainn do neach a bha soirbheachail roimhe cur a-steach air a shon a-rithist.
Thuirt an Ridire Iain MacDhòmhnaill ‘Tha an fharpais seo na dhòigh iomchaidh air na ceanglaichean teaghlaich leis a’ chànan is a’ chultar a thogail agus air cur ri dualchas bàrdachd na Gàidhlig agus a’ chinnidh. Tha cuspair na bliadhna seo a’ toirt cothroim do bhàird togail air eachdraidh is gnè ar dualchais is ar cultair.’
Thuirt Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an Dr Gillian Rothach, ‘Gach bliadhna, tha e air a bhith na thogail is na thlachd bàrdachd ùr, cruthachail a leughadh le bàird às gach ceàrnaidh, is iad uile air an gluasad leis a’ chuspair craobhan. Tha samhla nan craobhan cho cumhachdach ann an cultar nan Gàidheil. Tha fios gum bi bàrdachd ùr na bliadhna-sa, air a’ chuspair craobh nan ubhal, a’ cheart cho ealanta, brèagha is iomchaidh. Tha SMO fìor thoilichte a bhith a’ cur taic ris an fharpais seo, is i na cuimhneachan air Deborah NicDhòmhnaill.’
Thèid na duaisean a thoirt seachad aig Taigh-tasgaidh nan Eilean, Caisteal Armadail air Disathairne 21 neo 28 Sultain 2019.