Skip to content
SMO Generic Banner Image

Farpais Bàrdachd Ùr ga Stèidheachadh



Tha farpais bàrdachd Gàidhlig ùr ga stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha an Ridire Iain MacDhòmhnaill airson farpais a chur air bhonn gach bliadhna mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’eug an-uiridh.   Bidh an fharpais airson Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite air a ruith le Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite. 

Bithear a’ sireadh dhàn gach bliadhna air cuspair sònraichte co-cheangailte ri craobhan. Anns a‘ chiad bhliadhna dhen fharpais, thathar a’ toirt fiathachadh do neach sam bith a bhios ri bàrdachd no aig am biodh ùidh na leithid dàn a sgrìobhadh mu dheidhinn craobh a tha air leth-fhàs. Theid na dàin am meas le pannal de luchd-litreachais agus bidh duais de £500 air a thoirt seachad airson an dàin a thèid a thaghadh leis a’ phannal.  Feumaidh dàin a bhith air an cur gu Cairistìona NicCoinnich, Rùnaire a’ Phrionnsapail, aig an t-seòladh post-d a leanas  ro 29 Cèitean: runaire@smo.uhi.ac.uk

Thuirt an Ridire Iain MacDhòmhnaill ‘Tha mi faicinn na farpais seo mar dhòigh iomchaidh air na ceanglaichean teaghlaich leis a’ chànan is a’ chultar a thogail agus air cur ri dualchas bàrdachd na Gàidhlig agus a’ chinnidh.’

Chuir Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an t-Oll Boyd Robasdan, fàilte air an iomairt: ‘Tha e math gu bheil an Ridire Iain air an dòigh seo a thaghadh airson cuimhne a chumail air a nighinn agus bheir e cothrom eile do bhàird is bhan-bhàird na Gàidhlig an sgilean a chur an sàs agus a thoirt am follais.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578