Ban-Ameireaganach a’ buannachd farpais bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite
B’ i Deborah Moffat, às Na Stàitean Aonaichte, a bhuannaich farpais bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite am-bliadhna. Seo an dàrna bliadhna às dèidh a chèile a tha i air an duais a chosnadh. Rugadh Deborah ann am Vermont ach tha i nis a’ tàmh ann am Fìobha. B’ ann an 2013 a thòisich i sgrìobhadh dàin sa Ghàidhlig.
Chaidh an fharpais a tha air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air an nighinn aige, Deborah. ’S e cuspair co-cheangailte ri craobhan a tha aig an fharpais gach bliadhna agus b’ e cuspair na bliadhna seo, geug no geugan. ’S e Geug an Dòchais a thug Deborah air an dàn a thagh am pannal de thriùir bhritheamhan.
Chaidh an duais a thoirt do Deborah le Sir Iain MacDhòmhnaill aig cruinneachadh aig Taigh-tasgaidh Chlann Dòmhnaill ann an Armadal Disathairne 30 Sultain. Thuirt Sir Iain : “Chòrd an dàn aig Deborah rium fìor mhath. Bha e mar ùrnaigh cho math ri bhith na bhàrdachd. Bha am faireachdainn agus na briathran dòchais air còrdadh gu mòr ris an nighinn agam, Deborah.”
A’ bruidhinn às leth an t-Sabhail Mhòir, thuirt am Prionnsapal, An t-Oll Boyd Robasdan, “Tha an fharpais seo cudromach seach gu bheil i brosnachadh dhaoine gu bhith sgrìobhadh dhàn ùra nar cànan agus, mar sin, a’ cur ri stòras litreachas na Gàidhlig. Agus ’s e dòigh chubhaidh a tha ann air cuimhneachan ùrachadh air nighinn a chailleadh na h-òige”.
GEUG AN DÒCHAIS
Thogadh mi ann an eilean iomallach, fàsach, aonarach,
eilean gun truas, eilean gun mhathanas,
eilean gun dòchas.
Bha gàrradh anns an eilean, làn chraobhan duilleagach,
an geugan a’ sìor chagarsaich ann an cànan coigreach,
a’ sgaoileadh sgeòil-rùin an t-saoghail.
Gàrradh dorch dìomhair a bh’ ann, gàrradh uaigneach,
gàrradh gun ghàirdeachas, gàrradh gun chaidreabh,
gàrradh gun dòchas.
Ach air iomall a’ ghàrraidh bha craobh-ubhail thorrach
aig a bheil geug chaol a’ sìneadh thar a’ bhalla,
a’ smèideadh gu sunndach ris an t-saoghal.
Geug fhiùranach fhallain a bh’ innte, geug dhàna
a’ sireadh solais, a’ sireadh eòlais,
geug an dòchais.