Skip to content
SMO Generic Banner Image

Oileanach an t-Sabhail sa chuairt dheireannach de dh’Fharpais Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna



Tha Josie Duncan, a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, a-measg sianar neach-ciùil òg, tàlantach sa chuairt dheireannach de dh’ fharpais Neach-ciùil Òg Traidiseanta 2020 le BBC Radio Scotland.

Buinidh Josie do Leòdhas agus thòisich i a’ seinn aig a’ Mhòd nuair a bha i air an dàrna bliadhna sa bhun-sgoil.  Tha i an-dràsta stèidhichte sa Eilean Sgitheanach ‘s i a’ dèanamh a’ Chùrsa Comais, airson piseach a thoirt air a cuid Ghàidhlig, agus i cuideachd ag ionnsachadh òrain bho Christine Primrose, a tha teagasg air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Na ceumnaiche bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba, tha i air seinn air feadh an t-saoghail agus tha i cuideachd air Duais Dùthchasach BBC Radio 2 a bhuannachadh roimhe. Nuair a bhios i deiseil aig Sabhal Mòr Ostaig, tha i airson obair fhaighinn far an tèid aice air a cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus i cuideachd a’ cumail oirre a’ seinn aig fèisean agus cuirmean.

A’ bruidhinn mun fharpais a ghabhas àite Didòmhnaich, thuirt i: “Tha mi coimhead air adhart gu mòr ris ach tha e beagan eagalach gum bi e beò air rèidio agus telebhisean! A dh’aindeoin sin, ‘se cothrom air leth a bhios ann Gàidhlig a bhrosnachadh am measg sàr luchd-ciùil aig Celtic Connections am bliadhna seo!”

Gheibh sinn a-mach mar a thèid dhaibh uile air feasgar na Sàbaid bho 5f air BBC Radio Scotland agus air BBC ALBA.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578