
Sabhal Mòr Ostaig a’ Gabhail Seilbh air Fearann na Cille Bige
Dh’ainmich Neach-cathrach Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig (SMO) aig Ceumnachd bhliadhnail na Colaiste air Dihaoine 5mh Dàmhair gu bheil SMO a-nis air cha mhòr 40 acair de thalamh na Cille Bige a cheannach bho Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill (UFCD. Tha an 40 acair mar phàirt den Phrìomh Phlana airson Baile na Cille Bige, agus bidh SMO a-nis a’ stiùireadh a’ cho-a bhios a’ toirt nam planaichean gu buil.
Bidh Ceum 1 den Phrìomh Phlana a’ gabhail a-steach sheirbheisean agus bun-structar a chruthachadh dhan làrach airson na leasachaidhean a tha ri thighinn, agus a’ chiad togalach agus tha iarrtas airson a’ chiad cheum dhen Phlana an-dràsta a-staigh aig Ìre 2 de MLRE (ERDF) agus tairgse airson taic-airgid bho IGE (HIE) agus Riaghaltas na h-Alba.
Fhuair am Plana làn aonta airson Cead-dealbhachaidh Fharsainn sa Ghiblean am-bliadhna, às dèidh làn cho-chomhairleachaidh poblach, agus gun aon ghearan ga thogail. O chionn ghoirid, chaidh gabhail gu dùrachdach ri leasachadh Baile na Cille Bige leis an dà chuid Roinn na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Neach-cathrach SMO, an Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid, an-diugh “Tha am Bòrd Stiùiridh air leth toilichte gu bheil an Sabhal Mòr a-nis ann an suidheachadh far an urrainn dhuinn a dhol air adhart leis a’ phròiseact bhrosnachail lèirsinneach seo. Chan ann a h-uile latha a gheibh ionad-foghlaim an cothrom a dhol an lùib leasachadh cho sàr-shamhlachail, a fhrithealas feumalachdan leasachadh fearainn an t-Sabhail san àm ri teachd ach cuideachd, ann an com-pàirteachas le Urras Coimhearsnachd Shlèite, Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill agus Comhairle Choimhearsnachd Shlèite, a chruthaicheas a’ chiad bhaile ùr a chaidh a thogail air a’ Ghàidhealtachd ann an còrr agus ceud bliadhna. Tha UFCD airidh air moladh mòr airson am pròiseact seo a chur airadhart sa chiad àite agus tha sinn a’ coimhead gun lean iad a’ cur ris an leasachadh, ach bidh am pròiseact a-nis fo stiùir SMO ’s am moladh aca airson Bail’ Ùr Ostaig gu Coimisean nam Mìle Bliadhna ann an 1996 na ro-shealladh air leasachadh na Cille Bige.”
Lean Mgr MacLeòid air, “Cha bhiodh ceannach an fhearainn air tachairt gun chuideachadh fialaidh bho Urras Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir agus ionmhas a thàinig, tron Urras, bhon Mhaoin Ghàidhealach agus Urras na h-Aiseirigh aig Sir Iain Noble agus tha mi a’ toirt buidheachas blàth agus cridheil dhaibhsan uile. Bidh cuimhneachadh nas susbaintiche orra mar a thèid an leasachadh air adhart.
“Bu toigh leam cuideachd ar taingealachd a chur an cèill airson na taice dealasaich a tha am pròiseact air fhaighinn an dà chuid bhon Riaghaltas ionadail agus nàiseanta. Tha am pròiseact a’ tachairt aig crois-rathaid chudromach ann an eachdraidh an t-Sabhail Mhòir: bidh a’ chiad phloc air a ghearradh ann an 2013, nuair a bhios sinn a’ comharrachadh an 40mh Ceann-bliadhna againn. Tha an tuiteamas sin gu math iomchaidh seach gum bi am baile ùr, ann an iomadh dòigh, na thaisbeanadh air amasan agus rùintean Shir Iain Noble agus nan Urrasairean aige a stèidhich SMO, gum biodh Gàidhlig, mar chànan, na h-adhbhar brosnachaidh do leasachadh eaconamach agus sòisealta san sgìre. Tha mi cinnteach às gum biodh iad air a bhith gu mòr air cùl na tha fo ar comhair an-dràsta.”
Thuirt Neach-cathrach Urras Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig, Dòmhnall MacCoinnich, “Bha Urrasairean Urras Leasachaidh SMO den bheachd gum b’ e fìor chothrom a bha an seo, a dh’fheumadh sinn a ghabhail, a dhol an sàs ann an leasachadh farsaing agus a bha cudromach gu h-eachdraidheil an dà chuid airson na Colaiste fhèin agus airson na coimhearsnachd san fharsaigeachd agus tha sinne, an t-Urras, air leth toilichte gun robh sinn ann an suidheachadh far am b’ urrainn dhuinn taic a thoirt do Shabhal Mòr Ostaig anns an dòigh seo.”
Chuir Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, An t-Oll Boyd Robasdan ris na chaidh a ràdh, “’S e cothrom nach tig ach ann uair sa ghinealach a tha seo a leigeas le Sabhal Mòr Ostaig dèanamh cinnteach às na feumalachdan fearainn aige san ùine fhada agus a bheir spionnadh às ùr dhan ùrachadh eaconamach a thàinig air Slèite ri linn SMO a bhith air a chur air bhonn ann an 1973. Tha àireamh an t-sluaigh ann an Slèite air barrachd is dùblachadh agus an àireamh san sgoil air èirigh gu a thrì uimhir san ùine o chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh. Faodaidh A’ Chill Bheag cruth-atharrachadh a thoirt air Slèite, mar a rinn SMO fhèin, le bhith solaradh ghoireasan spòrs agus chur-seachadan dhan Cholaiste agus dhan choimhearsnachd agus le bhith tairgsinn chothroman airson leasachaidhean ùra malairteach, a’ tional in-sheilbh, a’ cumail agus a’ cruthachadh obraichean agus a’ brosnachadh àrainneachd ghnothachais thaiceil airson fàs a thoirt air obair-mhalairt ùr agus coimhearsnachd a bhios seasmhach.”
Thuirt Donnie Rothach, Stiùiriche SMO airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain, “Tha seo a’ toirt cothrom do Shabhal Mòr Ostaig a’ chiad cheum a ghabhail, ann an com-pàirt leis a’ coimhearsnachd ionadail, ann a bhith cruthachadh coimhearsnachd ùr bheothail agus le àrainneachd sheasmhach agus leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe. ’S e leasachadh fad-ùineach a tha anns a’ Chill Bhig agus thig e gu ìre beag air bheag thairis air ùine, a’ solaradh raon farsaing de ghoireasan an dà chuid dhan Cholaiste fhèin agus dhan choimhearsnachd mun cuairt. Tha na leasachaidhean ceum air cheum a tha sa Phrìomh Phlana a’ dèanamh àite airson goireasan spòrs agus cur-seachad dhan sgìre air a bheil mòr fheum, còmhla ri taighean nach eil ro dhaor, cothroman do bhùithtean agus iomairtean, togalaichean foghlaim agus rannsachaidh, goireasan airson cho-labhairtean agus thachartasan, taigh-òsta beag agus aig deireadh gnothaich 93 taighean còmhnaidh. Chaidh an còd dealbhachaidh a chaidh aontachadh taobh a-staigh a’ Chead-dealbhachaidh Fharsainn a dhealbh airson dèanamh cinnteach gum bi na slatan-tomhais a thaobh na h-àrainneachd agus togalaichean aig an ìre as àirde agus gum bi A’ Chill Bheag na sàr eisimpleir de leasachadh seasmhach san latha an-diugh.”