SMO Generic Banner Image

Fèill Ghàidhlig



Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail Fèill Ghàidhlig air Disathairne 20 Giblean bho 12f gu 5f.  ‘Se latha làn spòrs, càirdeas agus cabadaich a bhios ann le bùthagan de stuthan Gàidhlig, caisteal bogadaich, bùithtean-obrach, geamannan, BBQ agus ceòl agus tha e fosgailte do dhuine sam bith.  Bidh cèilidh ann cuideachd aig 9f leis an Glenfinnan Ceilidh Band. Tha tiocaidean a’ cosg £5/£3 do dh’oileanaich.

Le inntrigeadh an asgaidh, ‘se cothrom mhath a th’ann tuilleadh fhaighinn a-mach mun Cholaiste, mun Ghàidhlig neo dìreach airson an craic!

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir post-d gu gaidhlig@smo.uhi.ac.uk

Fèill Ghàidhlig
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578