Skip to content
SMO Generic Banner Image

Fèill Shabhal Mòr Ostaig 2019



Bidh Fèill Shabhal Mòr Ostaig ann a-rithist am-bliadhna, Disathairne 20 an Giblean, agus bu toil leinn fàilte a chur air a h-uile duine. ’S e latha spòrsail a th’ ann le tòrr rudan a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig, m.e. ceòl, geamaichean, co-fharpaisean, a’ lorg Uighean Càisge, sadail làmhag, caisteal bogadaich, teanta leanna, bùthagan agus tòrr chothroman cabadaich is tachairt ri daoine. Bidh gu leòr ann do dh’inbhich agus clann, ma tha sibh airson tighinn leis an teaghlach agaibh.

Bidh an fhèill a’ dol bho mheadhan-latha gu 4f, agus bidh cèilidh ann air an oidhche.

Barrachd fios: gaidhlig@smo.uhi.ac.uk, 01471 888 440

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578