Skip to content
SMO Generic Banner Image

(Air a chur dheth) Fiathachadh bho Neach-ealain Lèirsinneach SMO



Thathar a’ gealltainn sneachd feasgar an-diugh agus thàinig oirnn, air sgàth sin, an tachartas aig Murray Robertson (Còmhradh agus Stiùideo Fosgailte) a chur dheth. Chuir sinn air ais e chun an aon àm, agus san aon àite, an ath-sheachdain.  

Diciadain 4mh An Gearran  6f

Stiùideo Ealain, Fàs, SMO

Tha sinn duilich ma tha seo air duilgheadasan adhbharachadh do dhuine sam bith.

 

 

Tha Murray Robasdan, Neach-ealain Lèirsinneach Sabhal Mòr Ostaig 2015, gad fhiathachadh a thighinn don stiùideo aige far am bi

Stiùideo Fosgailte is còmhradh aig 6.00f Stiùideo Ealain, Fàs, SMO, 28 Faoilleach.

Nach tig sibh ann a choinneachadh ri Murray – bidh glainne fìon/tì/cofaidh ann is chì sibh dè tha e ris agus ciamar a tha a chuid saothrach a’ tighinn air adhart.

Bheir Murray taisbeanadh seachad air a phròiseact agus tha e gu mòr airson fios no beachdan fhaighinn bhon choimhearsnachd.

AN ASGAIDH   FÀILTE AIR A H-UILE DUINE

 

 “Mapping Scotia I Wild Boundaries”

Dh’fhoillsich Dualchas Nàdarra na h-Alba mapa ann an 2013 air an robh’The Core Areas of Wild Land’. Ged nach robh mòran fiosrachaidh ri fhaicinn sna meadhanan mun dealbh ùr seo den àrainneachd air a bheil sinn eòlach,’s ma dh’fhaoidte gum bi e air leth cudromach fhathast do mhuinntir na h-Alba, na roinnean poblach is prìobhaideach agus a thaobh poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba.

‘S ann san Eilean Sgitheanach a tha a dhà de na 42 prìomh àiteachan air mapa Dualchas Nàdarra na h-Alba: An Cuiltheann agus Diùranais.

“‘S e sgrùdadh saidheansail a th’ anns a’ mhapa aig SNH stèidhichte gu tur air dàta cruinn-eòlais a fhuaradh bho dhealbhan saideil. Ach san t-saoghal seo fhèin chan eil’crìochan’ stèidhichte eadar na’prìomh fhiadh-sgìrean’ agus an còrr den tìr. Tha ùidh agamsa ann a bhith coimhead air na’crìochan’ agus far a bheil na h-àiteachan seo a’ coinneachadh, gu h-àraidh a thaobh na tha daoine ionadail a’ smaoineachadh air na’prìomh fhiadh-sgìrean’ seo agus na beachdan a th’ aig daoine a bhios a’ tadhal orra mar luchd-turais no airson chur-seachadan.”

“Bha ùidh agam o chionn fhada ann an sgrùdadh mhapaichean agus mar a thathar a’ riochdachadh na talmhainn le comharran agus tha mi a’ faicinn mhapaichean mar nithean cultarail a tha àraid agus iom-fhillte, a dh’fheumar tuigsinn ann an co-theacs an linn is nan daoine a rinn iad. Mar neach-ealain lèirsinneach tha obair le fiosrachadh iom-fhillte a’ còrdadh rium agus bu mhath leam beachdan is freagairtean fhaighinn bho mhuinntir na sgìre agus luchd-obrach is oileanaich Sabhal Mòr Ostaig a thaobh a’ chuspair seo.” 

Mar eisimpleir:

 1.’Fiadhaichead’ agus’nàdarrachd’: tha mi air grunn chuspairean a rannsachadh a leithid freumhan nam faclan’wild’ agus’wilderness’ anns a’ Bheurla. Bu mhath leam fiosrachadh air, no tùsan de na faclan Gàidhlig’fiadhaich’ agus’fàsach’ a lorg cuideachd.

2. A rèir coltais, chan eil crìochan mapa Dualchas Nàdarra na h-Alba a’ sealltainn bhailtean a chaidh fuadachadh san Eilean Sgitheanach is sa chòrr de dh’Alba. Bu mhath leam fiosrachadh sam bith fhaighinn air seann bhailtean agus ciamar a fhreagras crìochan a’ mhapa seo leotha.

3. Bha mi ag obair ann an Leòdhas an-uiridh agus ghlac na h-ainmean-àite Gàidhlig m’ aire, an dàimh eatarra is an àrainneachd, agus ciamar a tha sinn gan cleachdadh is gam mìneachadh air mapaichean (http://murrayrobertson.dunked.com). Dh’innis iomadh Leòdhasach rium nach robh na h-ainmean ceart mar a nochd iad air mapaichean OS. Mar sin, dè mu dheidhinn an Eilein Sgitheanaich? Bu mhath leam sgeulachdan inntinneach mu ainmean-àite a chluinntinn, gu h-àraid anns a’ Chuiltheann no ann an Diùranais.

‘S e’Mapping Scotia’ sreath obrach air a bheil Murray ag obair an-dràsta a’ cleachdadh nan tursan air feadh na h-Alba o chionn ghoirid. Tha a’ ghreis obrach air mhuinntireas a’ toirt cothrom àraid dha airson obair iomchaidh a leasachadh.

Bha Murray Robasdan na oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu agus tha e ag obair is a’ fuireach ann an Glaschu. Ged a tha ùidh aige fhathast sna clò-ealain grinn traidiseanta, agus e air a bhith ag obair còmhla ri Stiùidio Clò-ealain Ghlaschu fad iomadh bliadhna, tha e air tòrr obrach a dhèanamh ann a bhith a’ rannsachadh, a’ leasachadh agus a’ cleachdadh teicneòlais ùr gus ealain a dhèanamh, gu h-àraidh ìomhaigheachd is clò-ealain didseatach. Tha Murray air obair a thaisbeanadh air feadh an t-saoghail thar nan 25 bliadhna a dh’fhalbh. Tha e air a bhith an sàs ann an grunn phrògraman air mhuinntireas agus prògraman co-obrachaidh a leithid: Künsterlhaus Bethanien, Berlin (1989-93); Yamanaka Fine Arts Centre, Kyoto, Iapan (1995); JJ School of Art, Mumbai, na h-Innseachan (2001/2003); Museo Grabado, Zacatecas, Meagsago (2004); agus o chionn ghoirid ann an Eilean Leòdhais (2013).

Ceangal Tumblr – http://imurrayrobertson.tumblr.com/

Tha a’ ghreis-obrach seo air a maoineachadh le Alba Chruthachail le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba agus i na pàirt de phrògram air mhuinntireas làn-ùine a’ cruthachadh is a’ brosnachadh litreachais, dràma, ciùil is nan ealain ùr aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig.

   

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578